Patsi Ma (1).jpg

Patsi MacKenzie 

CATHRAICHE

Thòisich Patsi NicCoinnich na dreuchd aig BBC Radio nan Gàidheal an dèidh dhi an sgoil fhàgail.  Tha i air a bhith ag obair air a ceann fhèin airson STV, am BBC agus companaidhean neo-eisimeileach mar riochdaire, neach-aithris, sgrìobhaiche agus mu dheireadh mar àrd-riochdaire. Chuir i Sorbier Productions air bhonn ann an 2005. Tha a’ chompanaidh ag obair à Glaschu agus Dùn Èideann, gu sònraichte air prògraman fìrinneach is aithriseach, agus cuideachd a’ riochdachadh a’ phrògraim ainmeil Mac ’Ille Mhìcheil a tha a’ dol a-mach beò air BBC Radio nan Gàidheal.  Chaidh Sorbier ainmeachadh air geàrr-liosta seachd troipean airson duaisean BAFTA Alba agus Fèis nam Meadhanan Ceilteach sna bliadhnaichean mu dheireadh, agus tha a’ chompanaidh an-dràsta a’ leasachadh grunn phròiseactan. Tha e a’ còrdadh ri Patsi a bhith ag obair còmhla ri luchd-deasachaidh is luchd-stiùiridh aig a bheil ùidh, coltach rithe fhèin, ann a bhith a’ lìbhrigeadh sgeulachdan ann an dòigh làidir. Bidh Patsi tric na h-òraidiche air aoigheachd air Cùrsa nam Meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. 

Alison Lang.jpeg

ALISON LANG 

RÙNAIRE

’S e ùghdar, sgrìobhaiche-dràma agus deasaiche a th’ ann an Alison Lang. Cheumnaich i bho Oilthigh Chaledonia Ghlaschu le MA ann an Sgrìobhadh Ficsean TBh agus chaidh a h-obair a riochdachadh le Pròiseact nan Ealain, Glasgow Lunchtime Theatre agus Theatar Nàiseanta na h-Alba, agus tha a h-ath-sgrìobhadh sa Ghàidhlig den sreath TBh, Katie Morag, fhathast ri fhaicinn air BBC ALBA. Dh’obraich i airson MG ALBA, mar neach-aithisg oifigeil aig Pàrlamaid na h-Alba, agus mar Neach-taic Litreachais airson Theatar Nàiseanta na h-Alba. Tha Clàr, Acair agus Sandstone Press air na nobhailean aice fhoillseachadh agus tha i na deasaiche Gàidhlig airson Sandstone Press.

Michael John O'Neill - Credit Mihaela Bodlovic (1).jpg

MICHAEL JOHN O' NEILL

IONMHASAIR

Tha Michael John O’Neill na Riochdaire Ealain aig an Tron Theatre. San obair seo, tha Mìcheal air roi-innleachd leasachadh ealain a leudachadh gu bhith aig cridhe obair an theatre fon ainm Tron Theatre CREATIVE, a’ stiùireadh lìonraich de chothroman àrd-ùrlair is muinntireis agus duaisean airson taic a chumail ri luchd-ealain gus am faigh iad an luach as motha às an theatre a chum brosnachadh an cuid obrach agus cleachdadh. Am measg nan dleastanasan eile a th’ air Mìcheal aig an Tron bidh e ag obair còmhla ris an Stiùiriche Ealain air prògraman a-staigh agus prògraman tadhail, a’ rannsachadh agus a’ togail co-bhanntachdan cruthachail ùra, agus a’ riochdachadh cuid de na dhealbhan-cluiche a nì Tron Theatre Company. Stèidhichte ann an Glaschu, tha Mìcheal air obair a dhèanamh le companaidhean eile leithid Theatar Nàiseanta na h-Alba, Tramway, The Arches, Blood of the Young, Little King, Bijli agus SUPERFAN.

Sim Innes (1).jpg

DR SÌM INNES 

Tha an Dr Sìm Innes air a bhith na òraidiche ann an Ceiltis agus Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu bho 2013. Roimhe sin bha e ag obair aig Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Canada agus aig Oilthigh Harvard anns na Stàitean Aonaichte. Bidh e a’ teagasg agus a’ rannsachadh litreachas na Gàidhlig agus ùidh mhòr aige ann an dràma Gàidhlig agus a chuid eachdraidh. Sgrìobh e mu MhacBheatha agus dealbhan-cluiche eile a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig (Scottish Language 2014 ; International Journal of Scottish Theatre and Screen 2016). Ann an 2018 tha e air a bhith a’ dèanamh rannsachadh air dealbhan-cluiche Gàidhlig do chloinn a rinneadh aig toiseach an fhicheadamh linn.

mairi headshot TGuLeor.jpg

MAIRI TAYLOR 

Thòisich Màiri Nic an Tàilleir a h-obair sna h-ealainean agus co-ionannachd às dèidh dhi teisteanas Maighstireachd a thoirt a-mach ann an 2003. Bhon uair sin tha i air obair a dhèanamh air feadh na h-Alba ’s na Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta. Rinn i obair mar riochdaire, manaidsear pròiseict, neach-comhairle, neach-oide agus neach-ealain. Eadar 2010 is 2016 bha i na stiùiriche aig flip – Disability Equity in the Arts [Co-ionannachd do Chiorramaich sna h-Ealainean còmhla ri Robert Gale. Tha i an-dràsta na h-Àrd-riochdaire aig Birds of Paradise Theatre Company. Tha Màiri den bharail gum fàs misneachd bho bhith a’ togail dhàimhean – leis an luchd-èisteachd, le com-pàirtichean is le co-obraichean – airson cùisean atharrachadh a chum maith, agus tha ùidh aice anns na dòighean sa bheil roinnean ealain nan ciorramach agus na Gàidhlig coltach ri chèile. Tha BFA MA Hons Oxon aig Màiri bhon Ruskin (1999) agus MFA bho Duncan of Jordanstone (2003). Tha i ag ionnsachadh na Gàidhlig (gu slaodach!).

Pluto B&W.jpg

DEREK MURRAY

Fear-polas a nis na chraoladair bho sgire Nis air Eilean Leodhais. Tha corr air 30 bliadhna do eolas aige air na h-Ealain Ghaidhlig mar oileanach is neach-teagasg. Bhuannaich e Sgriobhadair Og na Bliadhna aig Scottish Playwright 1989 agus Duais Preseantair na Bliadhna 2008 aig Feis nam Meadhanan Ceilteach agus tha mian laidir aige cothroman is taic a thoirt do saoghail theatar is sgriobhadh do sluagh farsaing nan Gaidheal. Se neach-athris ball-coise BBC Radio nan Gaidheal agus se a riochdaire is preseantair air a phrogram aige fhein “Siubhal gu Seachd le Pluto”. Tha e air obrachadh air iomadach comataidh spors agus bha e na bhall do Bhord Stiuiridh Comunn na Gaidhlig. Tha Beurla aige gu ire fileanta an deidh dha ionnsachadh ‘san sgoil.