muireann.jpg

MUIREANN KELLY

STIÙIRICHE NA H-EALAIN

’S ann à Siorrachd Mayo ann an Eirinn an Iar a tha Muireann Kelly. Dh’ionnsaich i dràma aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. B’ i an stiùiriche air Shrapnel ann an 2016 agus air Doras Dùinte ann an 2014; an dà dhealbh-chluich, air an riochdachadh le Theatre Gu Leòr, a’ dol air chuairt air feadh Alba. Sa Ghearran 2014, bha Muireann air a taghadh le Theatar Nàiseanta na h-Alba gus pàirt a ghabhail san ùine leasachaidh aig Monaick Mhòr do sgrìobhadairean Gàidhlig. B’ ann an sin a thòisich i a’ sgrìobhadh leis an dramaturg agus sgrìobhaiche Frances Poet. Sa Ghearran 2015, chaidh earrainnean às an dealbh-chluich ùr aice, Ceangailte/Tied, an taisbeanadh mar leughaidhean aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. San t-Samhain 2015, b’ e Muireann neach-saothrachaidh Theatar Nàiseanta na h-Alba air an t-seachdain a ghlèidh iad airson cleasaichean agus stiùirchean ag obair tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Muireann air nochdadh mar chleasaiche o chionn ghoirid ann an Outlander (Starz); ann an eadar-theagachadh Gàidhlig/Gaelige den dealbh-chluich aig Pauline Goldsmith, Dìreach Dathan Dealrach; ann an dràma Gàidhlig a choisinn ainmeachadh duais BAFTA, Calum Dongle (Sorbier Ltd/BBCAlba); ann an Leaving Planet Earth, Grid Iron-EIF; mar Olga san ath-sgrìobhadh aig John Byrne de The Three Sisters; mar Molly Bloom ann an Ulysses, Tron Theatre, a chaidh air chuairt ann an Sìonaidh ann an 2015, agus mar Flora ann an In My Father's Words, Dundee Rep, air chuirt air feadh Alba agus ‘off Broadway’, New York san t-Òg-mhìos, 2015.

San Lùnasdal 2016, thug Theatar Nàiseanta na h-Alba cuireadh dha Muireann a bhith na pàirt dhen chomhairle bha taghadh luchd-ealain ùr airson pròiseact leasachaidh – Starter for 10. Tha san treas bliadhna ag obair pàirt-ùine air MA Ag Ionnsachadh agus a’ Teagasg Ealain tro meadhan na Gàidhlig aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus, o chionn ghoirid, tha i air a bhith teagasg sgillean-gùth air a’ chùrsa BA Acting aig a’ Chonservatoire. Sa Ghearran 2017, bidh Muireann a’ stiùireadh an dealbh-chluich ùr, Gàidhlig aig Theatar Nàiseanta na h-Alba, Last Tango in Partick, le Alison Lang. Bidh an dealbh-chluich ri fhaicinn aig Oran Mòr.

San t-Iuchar 2016, fhuair Muireann taic co-choimisean bho Theatar Nàiseanta na h-Alba agus Theatre Gu Leòr gus dealbh-chluich a sgrìobhadh còmhla ri Frances Poet, Scotties .San t-Samhain, 2016, thàinig Graham MacLaren bhon Abbey Theatre ann am Baile Ath Clìath gus stiùireadh an t-seachdain leasachaidh de Scotties aig Theatar Nàiseanta na h-Alba. Bidh an dealbh-chluich air a riochdachadh agus air chùairt ann an 2018.

 
Mairi+Morrison.jpeg

Mairi Morrsion

Neach-Ealain Ionnsacachadh Cruthachail

Rinn Màiri a trèanadh aig an RSAMD ann an Glaschu agus tha i cuideachd ag obair mar sheinneadar agus na stiùiriche aithnichte. Tha i air co-riochdachadh agus stiùireadh iomadach dealbh-chluich, nam 8 dealbhan-cluiche choimhearsnachd airson a’ phròiseact Seall Seo le Marisa NicDhomhnaill. Tha i air nochdadh air telebhisean ann am prògraman leithid BannanKatie Morag agus Dà Là san Dàmhair. Tha i air nochdadh mar chleasaiche ann an iomadach dealbh-cluich leithid Shrapnel (Theatre Gu Leòr); Dunsinane (National Theatre of Scotland / Royal Shakespeare Company); Yellow on the BroomPerfect DaysWhisky KissesThe Admirable Crichton (Pitlochry Festival Theatre); Angus: Weaver of Grass (Horse + Bamboo Theatre); A Dead Man’s Dying (Òran Mòr/NTS); Jacobite CountryThe Seer (Dogstar Theatre); Eat your Heart Out (Òran Mòr); Roghainn nan DaoineMetagama (Theatre Hebrides) agus an dealbh-chluich a sgrìobh i fhèin airson aona-chleasaiche, Beasts of Holm (Edinburgh Festival Fringe).  A thuilleadh air an sin tha pailteas de chreideasan guth-aithris aice. Tha Màiri an-dràsta a' sgrìobhadh BANA-GHAISGICH dealbh-cluich ùr mu dhedhinn an Iolaire is i air Duais Sgriobhadair Ùr Dràma na bliadhna-sa a' choisinn bho Playwrights' Studio Scotland agus Comhairle nan Leabhraichean. Bidh Bana-Ghaisgich air chuairt ann an Teatar Finborough, ann an Lunnainn 17.12.18 agus ann an Studio Alba ann an Leòdhas 27-29/12/18.

 

CATRIONA LEXY CHAIMBEUL

NEACH-EALAIN DRÀMA

Tha Catriona Lexy Chaimbeul à Eilean Leòdhais ach chuir i seachad cuid dhe beatha ann am Ploc Loch Aillse. Tha i air obrachadh mar neach-ealain dràma, cleasaiche agus sgrìobhadair airson iomadach bliadhna, ann an Gàidhlig mar as àbhaist. Tha i air foillseachadh nobhailean, bàrdachd agus dà dhealbh-cluich: Doras Dùinte (Leabhraichean Beaga, 2014) agus Shrapnel: An Dealbh-chluich (Leabhraichean Beaga, 2016). B’ i a’ chiad Neach-ealain Gàidhlig aig Theatar Nàiseanta na h-Alba ann an 2011 agus bha an dealbh-chluich a sgrìobh i airson a’ BhBC, stèidhichte air a’ chiad nobhail aice, Samhraidhean Dìomhair, air an rèidio ann an 2012. B’ i a’ Sgrìobhadair air Mhuinntearas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2013. Tha i air nochdadh ann an iomadach thaisbeanadh theater, nam measg Hiort: A European Opera (Pròiseact nan Ealain, 2007), The Erpingham Camp (Eden Court Theatre, 2008), The Fall of the Peacock Throne (Wildbird, 2009), Roghainn nan Daoine (Theatre Hebrides, 2010), MacBheatha (White Stag Theatre Company, 2013/4), Doras Dùinte (Theatre Gu Leòr, 2014), Às an Dorchadas (Glasgow Life, 2015) agus Shrapnel (Theatre Gu Leòr, 2016).

’S e Neach-leasachaidh Foghlam is Com-pàirteachas a h-innte le Theatar Gu Leòr agus bha a’ chiad dealbh-cluich aice, Doras Dùinte, air a riochdachadh le Theatar Gu Leòr agus air chuairt ann an 2013/14. Bha an nobhail mu dheireadh aice dha inbhich, Cluicheadairean, air fhoillseachadh ann an 2014 agus, an-dràsta, tha i ag obair air an treas nobhail san t-sreath aice do dh’ inbhich òga, An t-Ionnsachadh Bòidheach (Acair). Ann an 2015, chuir i crìoch air ath-sgrìobhadh airson a’ stèids de nobhail a h-athair, Tormod Caimbeul, Shrapnel (Theatre Gu Leòr, 2016) a chaidh air chuairt air feadh Alba sa Mhàirt 2016.

 
3796859_orig.jpg

BETH FRIEDEN

NEACH-EALAIN DRÀMA

'S ann à New Hampshire anns na Stàitean Aonaichte a tha Beth bho thùs. Dh'ionnsaich i theatre aig Whitman College sna Stàitean agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tha i a-nis a' fuireach ann an Glaschu. Bidh Beth ag obair mar chleasaiche ann an Gàidhlig agus Beurla. 'S toil leatha a bhith ag obair le sgrìobhadh ùr, agus tha i air cleasachd a dhèanamh ann an diofar meadhanan, bho dhràma-sràide gu guth-thairis. Ann an 2016, chaidh mi mun cuairt sgoiltean ann an Alba anns an dealbh-cluich Le Meas airson Fèisean nan Gàidheal, agus thug i Iòga le Pupaid gu Fèis an Iomall den Mhòd Nàiseanta comhla ri Theatre Gu Leòr. Rinn Beth cleasachd o chionn goirid air dà phròiseact Starter for 10 aig Theatre Nàiseanta na h-Alba agus dh'obraich i mar neach-pupaid air dà phròiseact Testroom airson Puppet Animation Scotland. Bidh i cuideachd ag obair mar neach-ealain dràma còmhla ri inbhich agus clann.