seachdain leasachaidh do sgrìobhadairean

Tha Theatre Gu Leòr agus Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cothrom do sgrìobhadairean Gàidhlig, a tha aig ìre sam bith, na sgilean sgrìobhadh dràma aca a leasachadh fad seachdain ann an Leòdhas bho 29 Sultain gu 04 Dàmhair 2019.

Le taic bho Rosie Kellagher, Dramaturg aig Tèatar Nàiseanta na h-Alba, bho MG Alba agus bho Playwrights’ Studio Scotland, gheibh deichnear sgrìobhadair sàr-stiùireadh tron t-seachdain ‘s iad ag obair air pìos sgrìobadh dràma Gàidhlig ùr. Bidh an sgrìobhadh dràma stèidhichte air, no air a bhrosnachadh le, litreachas na Gàidhlig – bho nobhailean co-aimsireil gu seann bhàrdachd – agus thathas an dùil gun tèid blasad den obair a nì iad tron t-seachdain a thaisbeanadh aig co-labhairt tèatair nan Ceilteach, CEANGAL, san t-Samhain 2019.

Tha 10 àite air an t-seachdain leasachaidh seo, le dà àite air a ghlèidheadh do dhaoine fo aois 30, agus dà àite air a ghlèidheadh son daoine às na h-Eileanan Siar agus às an Eilean Sgitheanach.

Cha bhi cìsean rim pàigheadh son a’ cothruim seo; thèid àite-fuirich, biadh agus siubhal air comhdhail phoblach a chur air dòigh le Theatre Gu Leòr is Comhairle nan Leabhraichean le taic maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig. Bidh sinn stèidhichte aig ionad ealain ùr, Àras nam Fir Chlis ann an Àird Ùige, fad an t-seachdain.

Ma tha ùidh agad anns a’ chothrom leasachaidh a tha seo, nach lìon thu am foirm gu h-ìosal ro 5f Diciadain 21 Lùnastal.

Bidh agad ri "pids" goirid a sgrìobhadh mun phìos dràma a tha thu airson leasachadh. Tuilleadh fiosrachaidh air an fhoirm fhèin.

Thèid fios a chur chun nan tagraichean soirbheachail ro Diluain 26 Lùnastal.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir post-d gu rhona@theatreguleor.com.

Dealbh gu h-àrd le Laura Cameron Lewis.

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Theatre Gu Leòr an comain Bòrd na Gàidhlig airson maoin sònraichte a thoirt dhuinn a chum chosgaisean a’ phròiseict seo. Tha sinn gu math taingeil taic fhaiginn bho MG Alba, Tèatar Nàiseanta na h-Alba agus Playwrights’ Studio Scotland. Na phàirt de Bhliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Tusanach 2019.