Buaireas anns an Uisge 

(Tiotal obrach)

‘’S e an dùthaich àrd, fhiadhaich a th’ innte. An rathad bho Pheairt gu Bràigh Mhàrr, ationndachadh gu Loch na Gàire, far a bheil gach allt na thùsaire is e a’ snaidheadh slighe le miann air a bhith na abhainn. Chan e ciorram breithe a th’ innte, chan e teisteanas gu mì-thròcair feòlmhor, chan e dunaidh de cho-bhualadh theangannan. ’S e mo phàiste a th’ innte a bha beirte nuair a dh’adhbharaich mi a màthair gàire a dhèanamh.

‘S e pàiste a th’ innte air rathad gu duais mòr, mòr.’

Tha boireannach òg, nighean athair Iameuganach is màthair Albannach, a’ siubhal à Alba gu Ameireagaidh a Tuath. A’ sireadh na fìrinn mu a sinnsireachd, feumaidh i a lorg am measg snaidhmean eachdraidh Ìmpireachd Bhreatainn, nach deach a theagasg dhi.

A’ snìomhadh dannsa, ceòl agus fionn-sgeul, tha an dealbh-chluich seo a’ coimhead air na rinn Alba ann am Malairt tar-Atlantaigeach nan Tràillean bho shealladh nan Gaidheal, a’ cur nan ceistean as cudromaiche a th’ againn an-diugh mu dhìleab tràilleachd agus colonachadh.

Air a leasachadh an toiseach le Glaschu Beò ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean, Theatar Nàiseanta na h-Alba agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba, fhuair am pròiseact seo taic leasachaidh bhon uair sin bhon sgeama Starter for Ten aig Theatar Nàiseanta na h-Alba. 

Thoir Theatre Gu Leòr coimisean do Elspeth Turner le taic bho Bòrd na Gàidhlig, 'son Buaireas anns an Uisge a sgrìobhadh. Tha sinn air bhioran  gum bidh sinn a' co-obrachadh le Elspeth agus gum bidh sinn a chuir taic ris an  t-seachdain leasachaidh mu dheireadh ann an 2019, le taic bho Teatar Nàiseanta na h-Alba cuideachd. 

_38A9519.jpg
 Dealbhan aig Rockvilla: Beth Chalmers

Dealbhan aig Rockvilla: Beth Chalmers


Leasachadh air Buaireas anns an Uisge gu ruige seo: 

SEACHDAIN LEASACHAIDH aig Tramway

Le taic bho Glaschu Beò
ann an co-obrachadh le Comhairle nan Leabhraichean, Teatar Nàiseanta na h-Alba agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba.

Sgrìobhaiche / Stiùiriche: Elspeth Turner
Fuaim agus Bhidio: Rob Jones
Dealbhan aig Tramway: Geewhiz Digital Photography

Cleasaichean:
Natali McCleary,
Erick Valentin Mauricia,
Jennifer Fouchè,
Jermaine McClure,
Toby Mottershead,
Kenny Lindsay.

SEACHDAIN LEASACHAIDH aig Rockvilla:

Coimisean Starter for Ten aig Teatar Nàiseanta na h-Alba.

Sgrìobhaiche / Stiùiriche:  Elspeth Turner
Fuaim agus Bhidio: Rob Jones
Dealbhan aig Rockvilla: Beth Chalmers

Cleasaichean:
Natali McCleary,
Cassie Ezeji,
Beth Frieden,
Toby Mottershead.