Nochdaidh cothroman a bhith ag obair còmhla ri Theatre Gu Leòr, neo a' gabhail pàirt anns an obair againn, air an duilleag seo. Tha Theatre Gu Leòr daonnan ag iarraidh cluintinn bho luchd-ealain aig a bheil Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh ann an teatar Gàidhlig. Cuir fios thugainn mur deidhinn agus mun obair a th' agaibh an seo:  info@theatreguleor.com agus thig 's bruidhinn rinn. Tha fàilte bhlàth romhaimh.

Mar as trice thèid luchd-obrach fhastadh air sàillibh an eòlais is nan comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den chomann-shòisealta.

Tha dà cothroman againn an-dràsta aig Theatre Gu Leòr : 


BUILL A’ BHÙIRD

Aig an àm inntinneach seo ann an leasachadh Theatre Gu Leòr, tha sinn a’ sireadh dithis bhall ùra son ar bùird.

Tha sinn a-nis an lùib lìonra nam Buidhnean Maoinichte Cunbhalach aig Alba Chruthachail agus tha sinn a’ sireadh dhaoine togarrach aig a bheil ùidh ann an theatre Gàidhlig a chuidicheas a’ chompanaidh san àm ri teachd.

Tha Theatre Gu Leòr na prìomh chompanaidh theatre Ghàidhlig ann an Alba agus bidh sinn a’ strì gus obair ruigsinneach a chruthachadh leis na luachan-riochdachaidh as àirde. Bidh sinn a’ cleachdadh nan teicneòlasan didseatach as ùire airson luchd-amhairc eadar-mheasgte agus farsaing a thàladh. Tha ùidh mhòr againn ann an ionnsachadh cruthachail, leasachadh proifeiseanta agus tasgadh fàs na roinn dràma Gàidhlig.

Bidh am Bòrd a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna agus tha e gu math cudromach do stiùireadh Theatre Gu Leòr. Cuideachd, bidh buill a’ Bhùird a’ toirt comhairle agus taic don chompanaidh eadar na coinneamhan seo.

Tha sinn an-dràsta a’ sireadh dithis bhall aig a bheil Gàidhlig no a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig don bhòrd againn: neach aig a bheil eòlas anns na h-ealain, ann an foghlam no anns na meadhanan, agus bu mhath leinn gu sònraichte cluinntinn bho daoine òga a thaobh seo; agus neach eile aig a bheil eòlas bhon raon gnìomhachais.

Airson barrachd fiosrachaidh no airson ùidh a nochdadh, nach cuir sibh post-d gu Rhona NicDhùghaill, Co-ordanaiche na Companaidh, aig rhona@theatreguleor.com.

Ceann-latha: 5f, 1 An Giblean 2019


DEASGAN RIM FAIGHINN 

Tha Theatre Gu Leòr, companaidh thèatar a tha stèidhichte ann an Glaschu, a’ tabhann dà dheasg-falbhain do luchd-ealain le Gàidhlig san oifis air againn: Unit 3, 22 Mansfield Street, Partick, Glaschu, G11 5QP. Cuir post-d thugainn airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn oir uaireannan tha na desgan trang agus uaireannan chan eile.

Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios thugainn aig info@theatreguleor.com