staran

'S e iomairt leasachaidh ùr a th'ann an STARAN. Mar phàirt dhen gealltanas leantainneil aig Theatre Gu Leòr bhith trèanadh, leasachadh agus a’ rannsachadh anns na h-ealainean Gàidhlig bi sinn a' tabhainn chothroman do luchd-ealain piseach a' chuir air an cuid sgilean agus eòlas.

Faic an duilleag STARAN airson na cothroman a tha ann an-dràsta.


OBAIR SA CHOIMHEARSNACHD

Tha sinn a’ leasachadh bhuidhnean-obrach ri tabhann do sgoiltean/buidhnean coimhearsnachd/buidhnean dràma is sgrìobhadairean mar phàirt den obair againn air foghlam nas fharsainge. Bidh roghainn de dhiofar buidhnean-obrach ga tabhann gus feumalachdan cruthachail agus ionmhasail aig gach buidheann a choileanadh. Tha solarachadh dràma ann an sgoiltean air a bhith gann uaireannan sna bliadhnaichean mu dheireadh gu sònraichte sa Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus bhitheamaid an dòchas ri seo a cheartachadh le bhith tabhann seirbheis sùbailte is proifeiseanta nuair a bhios pròiseact againn freagarrach do sgoiltean.


IMG_5034.jpg

Comhairle Fosgailte

Tha sinn a’ tabhann sheiseanan comhairle aon-ri-aon do luchd-ealain is proifeiseantaich, ùr agus stèidhichte. 

Thig is gabh copan teatha is briosgaid còmhla rinn is bruidhnidh sinn air cothroman obrach, meantorachd, leasachadh proifeiseanta, ealain Ghàidhlig, leasachadh sgriobtaichean agus barrachd!

Thèid na seiseanan seo a chur air dòigh mar a thèid iarraidh oirnn agus a rèir fheumalachdan gach neach fa-leth.

Airson seisean iarraidh, cuir fios gu:  info@theatreguleor.com


BÙITHEAN-OBRACH

Bidh bùithean-obrach againn an cois gach dealbh-chluich, a’ dol còmhla ri gach riochdachadh gus a bhith a’ leudachadh na gheibh luchd-amhairc a-mach às an dealbh-chluich, gus luchd-amhairc a leudachadh agus gus a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan/sgoiltean ionadail no buidhnean eile ann an co-theacs cruthachail.


FOILLSEACHADH

Tha e ag cridhe na h-obrach againn a bhith a’ foillseachadh sgriobtaichean a choimisean sinn, gus tùs a thabhann do luchd-amharc is luchd-ealain, agus a’ cur ri foillseachadh litreachais Gàidhlig.  Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri Leabhraichean Beaga a-rithist gus Shrapnel fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus Beurla a bhios ri reic tron chuairt as t-fhoghar.


TRÈANADH

Bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ealain ùra gus an sgilean a leasachadh gu ìre phroifeiseanta, a’ gabhail a-steach sgilean dràma agus sgilean cànain. Mar sin, bidh sinn a’ cur ri coimhearsnachd luchd-ealain dràma fileanta ann an Gàidhlig agus a’ ruigsinn barrachd daoine ann an diofar dhòighean cruthachail agus ann an diofar àiteachan.


GRUTH IS UACHDAR
TAISBEANADH LE SGOIL GHÀIDHLIG GHLASCHU AGUS THEATRE GU LEÒR

Dh’ obraich Theatre Gu Leòr agus an neach-deilbh, Frances Collier, le sgoilearan bho S2/3 aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus taisbeanadh pìos dràma ùr stèidhichte air a’ cheòl bhòidheach bhon t-sreath TBh BBC, Gruth is Uachdar (le cead coibhneil bho Donald Shaw). Thug na sàr thidsearan bhon roinn ciùil agus an roinn dràma aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Frances MacEachan agus Marion Chaimbeul, an orcastra agus na sgoilearan bho S2/3 còmhla gus an dealbh-chluich a thaisbeanadh. Bha na sgoilearan air an àrd-ùrlar, air cùl a’ chùirtear agus ag obair gu cruaidh sa h-uile roinn dhen riochdachadh.

LE TAIC BHO:


IÒGA LE PUPAID! 

Thug Theatre Gu Leòr pròiseact gu math ùr is àraid do Steòrnabhagh airson Fèis Iomall a' Mhòid Nàiseanta san Dàmhair: Iòga le Pupaid! Rinn Beth Frieden, Charlotte Allan, agus Sonia Gardes dà latha aig a' Mhòd, a' dèanamh taisbeanaidhean far an robh Miranda am Pupaid ag innse sgeulachd mu dheidhinn anail agus a' teagasg leasan iòga aig an aon àm, a' toirt cothrom don luchd-èisteachd a bhith a' gabhail pàirt. Thòisich am pròiseact aig Fèis Imaginate, agus le taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, rinn an triùir leasachadh air an sgeulachd agus chuir Beth sa Ghàidhlig e. Bidh an sgioba a' coimhead airson barrachd chothroman am pròiseact a leasachadh ann an 2017.

Le Taic Bho:

yogalogos.jpg