staran

'S e iomairt leasachaidh ùr a th'ann an STARAN. Mar phàirt dhen dleastanas leantainneach againn a thaobh nan ealain Gàidhlig a bhith a’ trèanadh, a’ leasachadh agus a’ rannsachadh, bidh sinn a' tabhainn chothroman do luchd-ealain piseach a' thoirt air an cuid sgilean agus eòlais.

Faic an duilleag STARAN airson tuilleadh fiosrachaidh agus na cothroman a tha rim fhaotainn an-dràsta.


BÙITHEAN-OBRACH

Thèid bùithean-obrach a thabhainn do sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd gach bliadhna, co-ceangailte ris an dealbh-chluich ùr againn. ‘S e an amas a th’ againn an seo a bhith a’ leudachadh na gheibh daoine às an dealbh-chluich, gus luchd-amhairc a leudachadh agus gus a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan/sgoiltean ionadail no buidhnean eile ann an co-theacs cruthachail.


IMG_5034.jpg

dORAS Fosgailte

Tha sinn a’ tabhann seiseanan comhairle aon-ri-aon do luchd-ealain is proifeiseantaich, an dà chuid ùr agus stèidhichte. 

Thig is gabh cupa tì is briosgaid còmhla rinn, is bruidhnidh sinn air cothroman obrach, meantorachd, leasachadh proifeiseanta, ealain Ghàidhlig, leasachadh sgriobtaichean agus eile!

Thèid na seiseanan seo a chur air dòigh mar a thèid iarraidh oirnn agus a rèir fheumalachdan gach neach fa-leth.

Airson seisean iarraidh, cuir fios gu:  info@theatreguleor.com


FOILLSEACHADH

Tha e aig cridhe na h-obrach againn a bhith a’ foillseachadh sgriobtaichean ùra a chaidh a leasachadh le Theatre Gu Leòr, gus cur ri foillseachadh litreachais Gàidhlig.


TRÈANADH

Bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ealain ùra gus na sgilean aca a leasachadh gu ìre phroifeiseanta, a’ gabhail a-steach sgilean dràma agus sgilean cànain. Mar sin, bidh sinn a’ cur ri coimhearsnachd luchd-ealain dràma fileanta ann an Gàidhlig agus a’ ruigsinn barrachd daoine ann an diofar dhòighean cruthachail agus ann an diofar àiteachan.


GRUTH IS UACHDAR
TAISBEANADH LE SGOIL GHÀIDHLIG GHLASCHU AGUS THEATRE GU LEÒR

Dh’ obraich Theatre Gu Leòr agus an neach-deilbh, Frances Collier, le sgoilearan bho S2/3 aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus taisbeanadh pìos dràma ùr stèidhichte air a’ cheòl bhòidheach bhon t-sreath TBh BBC, Gruth is Uachdar (le cead coibhneil bho Donald Shaw). Thug na sàr thidsearan bhon roinn ciùil agus an roinn dràma aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Frances MacEachan agus Marion Chaimbeul, an orcastra agus na sgoilearan bho S2/3 còmhla gus an dealbh-chluich a thaisbeanadh. Bha na sgoilearan air an àrd-ùrlar, air cùl a’ chùirtear agus ag obair gu cruaidh sa h-uile roinn dhen riochdachadh.

LE TAIC BHO: