Mìcheal Hill

'S e oide gutha, seinneadair agus craoladair a th' ann am Mìcheal Hill a tha a' fuireach ann an Lunnainn agus a stèidhich The Voice Hub, a tha a' dèanamh oideachadh is bùithtean-obrach gutha air feadh na Rìoghachd Aonaichte. O chionn ghoirid, bha e thall ann an Romàinia, ag obair le Taigh-cluiche na Stàite, is iad ag ullachadh airson dealbh-chluich ùr. Tha Mìcheal cuideachd air a bhith an sàs ann am bùithtean-obrach o chionn ghoirid dha The Actors Centre ann an Covent Garden, Lunnainn, The Academy of Contemporary Music, Tron Theatre ann an Glaschu agus The Royal College of Speech and Language Therapists. An-dràsta, tha e a’ teagasg sheinneadairean aig BIMM ann an Lunnainn agus Brighton, a’ cholaisde-chiùil as motha san Roinn Eòrpa. Bidh Mìcheal cuideachd a' teagasg sheinneadairean is chleasaichean a tha air nochdadh air film, telebhisean agus an àrd-ùrlar, eadar Game of Thrones, Emmerdale agus an National Theatre. 'S esan a' chiad Albannach le teisteanas Complete Vocal Technique (CVT), a chaidh trèanadh a rèir an rannsachaidh is teagaisg ghutha as ùire aig Complete Vocal Institute ann an Copenhagen.

 
Mairi Morrison.jpeg

MÀIRI MORRISON 

Rinn Màiri a trèanadh aig an RSAMD ann an Glaschu agus tha i cuideachd ag obair mar sheinneadar agus na stiùiriche aithnichte. Tha i air co-riochdachadh agus stiùireadh iomadach dealbh-chluich, nam 8 dealbhan-cluiche choimhearsnachd airson a’ phròiseact Seall Seo le Marisa NicDhomhnaill. Tha i air nochdadh air telebhisean ann am prògraman leithid Bannan, Katie Morag agus Dà Là san Dàmhair. Tha i air nochdadh mar chleasaiche ann an iomadach dealbh-cluich leithid Shrapnel (Theatre Gu Leòr); Dunsinane (National Theatre of Scotland / Royal Shakespeare Company); Yellow on the Broom, Perfect Days, Whisky Kisses, The Admirable Crichton (Pitlochry Festival Theatre); Angus: Weaver of Grass (Horse + Bamboo Theatre); A Dead Man’s Dying (Òran Mòr/NTS); Jacobite Country, The Seer (Dogstar Theatre); Eat your Heart Out (Òran Mòr); Roghainn nan Daoine, Metagama (Theatre Hebrides) agus an dealbh-chluich a sgrìobh i fhèin airson aona-chleasaiche, Beasts of Holm (Edinburgh Festival Fringe).  A thuilleadh air an sin tha pailteas de chreideasan guth-aithris aice. Tha Màiri an-dràsta a' sgrìobhadh dealbh-cluich is i air Duais Sgriobhadair Ùr Dràma na bliadhna-sa a' choisinn bho Playwrights' Studio Scotland agus Comhairle nan Leabhraichean.

 
Frances Poet.jpeg

FRANCES POET

’S e sgrìobhaiche-dràma a th’ ann am Frances le còrr is coig bliadhna deug de eòlais ag obair ann an taighean-cluiche air feadh na dùthcha mar dramaturg agus Manaidsear Litreachais, nam measg Theatar Nàiseanta na h-Alba. Bha a’ chiad dealbh-cluich aice, Faith Fall, air a thaisbeanadh aig Oran Mòr agus an Tobacco Factory, Bristol ann an 2012. On uairsin, tha i air crìoch a chuir air dà phìos de “Classic Cuts” airson Oran Mòr (The Misanthrope (after Moliere) agus dreach saor de Racine's Andromaque a bha air a thaisbeanadh aig am Byre Theatre, St. Andrews) agus ath-sgrìobhadh den Dance of Death le Strindberg a bha air a thaisbeanadh aig a’ Citizen’s Theatre Studion sa Ghiblean 2016. Chaidh dràma-rèidio le Frances, The Disappointed, a chraoladh le BBC Radio Scotland ann an 2015 agus chaidh am fiolm-goirid aice, Spores, le Maureen Beattie agus Lorraine McIntosh a thaisbeanadh aig Fèis Fhiolmaichean Eadar-nàiseante Dhùn Eideann ann an 2016. Tha Frances an-dràsta ag obair le a co-sgrìobhaiche, Muireann Kelly, air Na Scotties, mar phàirt de cho-choimisean eadar Theatar Nàiseanta na h-Alba agus Theatre Gu Leòr. 

 

LYNDA RADLEY

Tha Lynda Radley, à Corcaigh, air a bhith ag obair gu proifeiseanta mar dràmadair is dràmaturg fad còrr is deich bliadhna. Am measg a dealbhan-cluiche tha The Interference, DORM, Berlin Love Tour, Futureproof, The Art of Swimming, Birds and Other Things I am Afraid of, Soap! (le Ciaran Fitzpatrick), The Heights agus Integrity. Bhuannaich The Interference duaisean Scotsman Fringe First agus Broadway Baby aig Iomall Fèis Dhùn Èideann 2016, agus bha e air geàrr-liosta duais Freedom of Expression aig Amnesty International. Chaidh fhoillseachadh le DPS. Bha DORM air geàrr-liosta duais Bruntwood, am measg nan duaisean as cliùitiche airson dhealbhan-cluiche ùra san Rìoghachd Aonaichte. Bha Lynda na dràmaturg air tionndadh danns de Dracula le Mark Bruce, a fhuair duais South Bank Sky Arts agus grunn dhuaisean Critics’ Circle. Ann an 2011 bhuannaich Lynda duais Scotsman Fringe First airson a dealbh-chluich Futureproof, co-riochdachadh eadar Dundee Rep Ensemble agus Traverse Theatre. Bha an dealbh-chluich aon-neach aice, The Art of Swimming, air geàrr-liosta airson nan duaisean Meyer Whitworth agus Total Theatre agus chaidh e air turas eadar-nàiseanta. Tha i na Com-pàirtiche aig Stiùidio Dràmadairean na h-Alba agus na meantor do dh’oileanaich iar-cheum aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh Futureproof a thaisbeanadh ann an Èireann, sna h-Innseachan agus ann an Ameireagaidh ann an 2017.

 
Callum Smith - photo by Mihaela Bodlovic.jpg

CaLLUM SMITH

’S e riochdaire thèatar a th’ ann an Callum Smith agus tha e a’ fuireach ann an Glaschu. Tha e air obair a riochdachadh a tha air duaisean a chosnadh le companaidhean agus luchd-ealain leithid Jenna Watt, Sam Rowe, Phoebe Eclair-Powell, Sleeping Warrior Theatre Company, New Room Theatre, Plutôt La Vie agus Strange Theatre. Tha e air obrachadh le feadhainn dhe na companaidhean às soirbheachail san dùthaich leithid Tèatar Nàiseanta na h-Alba, Tron Theatre agus  Royal Court Theatre ann an Lunainn, far an robh e na rianadair de dh’obair aig ìre eadar-nàiseanta agus far na stiùirich e pròiseactan dhaibh air feadh an t-saoghal. Tha e os cionn Showroom, companaidh a tha a’ tabhann sheirbheisean riochdachaidh air luchd-ealain neo-eismeileach agus companaidhean beaga, a’ toirt dhaibh taic a-rèir structair agus gnìomhachas. 

 
 Photo by Beth Chalmers

Photo by Beth Chalmers

Elspeth Turner

Tha Elspeth Nic an Tuairneir na cleasiche is na sgrìobhadair, stèidhichte ann an Dùn Èideann. Is ann à Dùn Phàrlain a tha i bho thùs, agus dh’ionnsaich i cleasachd aig Acadamaidh Ameireaganach nan Ealainean Dràma agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh na dealbhan-cluiche aice, The Idiot at the Wall (stiùiriche Emily Reutlinger) agus SpectreTown (stiùiriche Matthew Lenton), a mholadh nuair a chaidh an taisbeanadh aig Iomall Fèis Dhùn Èideann mus deach iad air tursan nàiseanta. Fhuair i duaisean airson sgrìobhadh dràma bho Urras Tom McGrath agus Fonndas Peggy Ramsay.

San Dùbhlachd 2015, fhuair Elspeth coimisean bho Ghlaschu Beò airson pròiseact a leasachadh air a’ cheangal a dh’fhaodadh a bhith ann eadar seinn nan salm san nòs Ghàidhlig agus ceòl Soisgeulach Ameireaganach is Blues. Rinn i obair deich làithean aig Tramway le sgioba cruthachail à Alba, agus dithis chleasichean  às Ameireagaidh tro Skype, a chum taisbeanadh mu bheachdan airson Buaireas anns an Uisge / Trouble the Water. Às dèidh sin rinn i rannsachadh a bharrachd air a’ phròiseact tron sgeama Starter for Ten aig Theatar Nàiseanta na h-Alba.

Mar chleasiche san Rìoghachd Aonaichte, bha Elspeth an sàs ann an Granite (Theatar Nàiseanta na h-Alba), The Strange Undoing of Prudencia Hart (Eastern Angles) is Mischief (Oran Mòr / Traverse Theatre). Sna Stàitean Aonaichte rinn i Dial M for Murder agus The Odd Couple (Engeman Theatre), The Pillowman (Theatre Row), agus Titus Andronicus is Macbeth, (The Queens Players). Air film rinn i Riptide (stiùiriche Tim Barrow, Lyre Productions), Stephen in the Attic (stiùiriche Joseph Parker), Real Life Mallory (stiùiriche. R.L. Maynard) is The Box (stiùiriche Christopher Cook). Gheibhear barrachd fiosrachaidh, ìomhaighean agus bhidio aig www.elspethturner.com