Fàilte gu Theatre Gu Leòr, companaidh theatar Gàidhlig co-aimisreil a’ leasachadh sgrìobhadh agus dràma sa Ghàidhlig aig àrd ìre.

Leugh an seo mun obair a tha ri thighinn, eachdraidh Theatre Gu Leòr, faigh fiosrachadh bhon sgioba thàlantach againn, agus iomadach rud eile.

’S e companaidh tèatar ùr, co-aimsireil a th’ ann an Theatre Gu Leòr a tha a’ strì gus dràma leis na luachan-riochdachaidh as àirde a chruthachadh, anns a’ Ghàidhlig.   Tha sinn gu math dìoghrasach mu dheidhinn a’ bhith a lorg nam fuasglaidhean as cruthachaile - tro bhith a’ cleachdadh nan ioma-mheadhanan agus teicneòlasan didseatach - gus dèanamh cinnteach gu bheil an comas aig luchd-amhairc eadar-mheasgte agus farsaing bho air feadh Alba, agus gu h-eadar-nàiseanta, ar n-obair a leantainn.  Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh sgilean gu tur aig crìdhe gnìomhan Theatre Gu Leòr, agus tha sinn gu math làidir mu dheidhinn a bhith a’ coimiseanadh agus a’ foillseachadh dràma Gàidhlig ùra.

Bhuannaich Theatre Gu Leòr an Duais Ealain is Chultarach aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba am-bliadhna airson an dealbh-chluich aca, Shrapnel.

Gaelic awards logomono.jpg

AR SGIOBA:

MUIREANN KELLY – STIÙIRICHE EALAIN RHONA NICDHÙGHAILL – CO-ÒRDANICHE NA COMPANAIDH BETH FRIEDEN – NEACH-EALAIN DRÀMA
Leugh an tuilleadh mun sgioba againn an seo

LUCHD-EALAIN AG OBAIR LEINN: 

Bi Theatre Gu Leòr ag obair le iomadach luchd-ealain agus neach-proifeasanta air na pròiseactan againn. Leugh an tuilleadh an seo mu na daoine a tha ag obair leinn an-dràsta

AR BÒRD STIÙIRIDH:  

PATSI NICCHOINNICH – CATHRAICHE
ALISON LANG – RÙNAIRE
MICHAEL JOHN O'NEILL – IONMHASAIR
SÌM INNES
MAIRI TAYLOR
Leugh an tuilleadh mun bhòrd stiùiridh againn an seo

Naidheachdan:

Bu mhath linn fàilte mhòr a chuir dha Rhona NicDhùghaill, Co-òrdaniche na Companaidh ùr a th’ againn aig Theatre Gu Leòr, a tha dìreach a’ toiseachadh comhla rinn. ‘S e rhona@theatreguleor.com an seòladh post-d a th’ aice agus 07504 851582 an àireamh a’ fòn a th’ aice aig Theatre Gu Leòr. Tha tuilleadh mu Rhona ri leughadh an seo `

Poileasaidhean:

Leugh ar Poileasaidh Cànan, ar Poileasaidh Co-ionnanas & Iomadachd an-seo Leugh ar Poileasaidh Dìon Chloinnane an-seo
Leugh ar Poileasaidh Prìobhaideachd an-seo