MÙthadh / Mutation [TIOTAL-OBRACH]


A' leantainn air cur-air-bhog an clàr ùr, iongantach, TAIRM, bidh an còmhlan-ciùil fìor thàlantach WHYTE ag obàir còmhla ri THEATRE GU LEÒR gus an ath riochdachadh a leasachadh, air a bheil ‘MÙTHADH / Mutation’ (tiotal obrach). Air a bhrosnachadh le òrain bhon chlàr air leth seo, s' e gairm-chatha a bhios anns a' phìos, a' toirt guth do dhorran an ath ghinealaich agus cho cudromach 's a tha an ceangal eadar tìr agus cànan dhaibh. 

Thèid am pìos a leasachadh leis a' choireògrafaiche chliùiteach JESSICA KENNEDY bho JUNK ENSEMBLE còmhla ri THEATRE GU LEÒR agus WHYTE, ann an com-pàirteachas leis an TRON THEATRE - air cuairt air feadh Alba sa Mhàirt 2020.

[Dealbh: Kris Kesiak]

Barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn dh’ aithghearr…