Rosemary 2.jpg

MICHELLE NICLEÒID

CATHRAICHE

Tha Michelle NicLeòid, à Leòdhas bho thùs, na h-Àrd-Ollamh le Gàidhlig ann an Oilthigh Obar Dheathain. Tha ùidh mhòr air a bhith aice ann an dràma na Gàidhlig on a ghabh i pàirt ann an Sgoil Dràma na h-Òigridh nuair a bha i fhèin na h-oileanach. Tha i air grunn aistidhean a sgrìobhadh air dràma Gàidhlig agus choisinn an leabhar a dheasaich i Dràma na Gàidhlig Ceud Bliadhna air an Àrd-ùrlar duais Dhòmhnaill Meek ann an 2021. 

Mus robh i ann an Oilthigh Obar Dheathain, dh’obair i roimhe aig Bòrd na Gàidhlig mar Stiùiriche Leasachadh Cànain, Ionad Chaluim Chille Ìle na Stiùiriche agus na h-òraidiche ann an Oilthigh Ghaillimh. Am measg cuid de na dleastanasan eile a th’ aice an-dràsta taobh a-muigh Obar Dheathain, tha i na Cathraiche air Urras NicCuaig agus na ball den Chomataidh Ro-innleachdail son Chànanan ann am Foghlam Àrd-Ìre.

 

rosemary ward

Chaidh Rosemary a thogail ann an Uibhist a Deas, far an do thòisich i a bhith an sàs ann an Gàidhlig, rud a bhiodh i a’ dèanamh fad a beatha. Thòisich i air Gàidhlig ionnsachadh aig Bunsgoil Gearraidh na Mònadh agus chuir i crìoch air a cuid foghlam sgoile, le teisteanasan ann an Gàidhlig, aig Sgoil Mhic Neacail ann an Steòrnabhagh.

Fhuair i trèanadh mar thidsear bunsgoile agus ise a’ chiad tidsear tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu. Thar nam bliadhnaichean bha i an sàs gu mòr ann an leasachadh foghlam na Gàidhlig aig Comhairle Earra-Gàidheal ‘s Bhòid, agus an uairsin fhuair i dreuchd mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.

Ann an 2010, thòisich i obair ùr mar Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, agus i a’ leasachadh na buidhne chun an t-suidheachaidh far a bheil i a-nis, na prìomh bhuidhean a thaobh litreachas na Gàidhlig. An-dràsta, tha i na Stiùiriche Prògraim aig Urras Leabhraichean na h-Alba, agus ceanglaichean aice fhathast ris a’ Ghàidhlig tro a cuid obrach saor-thoileach mar Rùnaire Urras Brosnachaidh na Gàidhlig. Tha dithis chloinne aice, Sean agus Eilidh, ‘s i a’ fuireach ann an Dùn Breatann còmhla ris an duine aice, Gerard.

 
Michael John O'Neill - Credit Mihaela Bodlovic (1).jpg

MICHAEL JOHN O' NEILL

IONMHASAIR

Tha Michael John O’Neill na Riochdaire Ealain aig an Tron Theatre. San obair seo, tha Mìcheal air roi-innleachd leasachadh ealain a leudachadh gu bhith aig cridhe obair an theatre fon ainm Tron Theatre CREATIVE, a’ stiùireadh lìonraich de chothroman àrd-ùrlair is muinntireis agus duaisean airson taic a chumail ri luchd-ealain gus am faigh iad an luach as motha às an theatre a chum brosnachadh an cuid obrach agus cleachdadh. Am measg nan dleastanasan eile a th’ air Mìcheal aig an Tron bidh e ag obair còmhla ris an Stiùiriche Ealain air prògraman a-staigh agus prògraman tadhail, a’ rannsachadh agus a’ togail co-bhanntachdan cruthachail ùra, agus a’ riochdachadh cuid de na dhealbhan-cluiche a nì Tron Theatre Company. Stèidhichte ann an Glaschu, tha Mìcheal air obair a dhèanamh le companaidhean eile leithid Theatar Nàiseanta na h-Alba, Tramway, The Arches, Blood of the Young, Little King, Bijli agus SUPERFAN.

 
mairi headshot TGuLeor.jpg
 
IMG_0190.jpg

MAIRI TAYLOR 

Thòisich Màiri Nic an Tàilleir a h-obair sna h-ealainean agus co-ionannachd às dèidh dhi teisteanas Maighstireachd a thoirt a-mach ann an 2003. Bhon uair sin tha i air obair a dhèanamh air feadh na h-Alba ’s na Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta. Rinn i obair mar riochdaire, manaidsear pròiseict, neach-comhairle, neach-oide agus neach-ealain. Eadar 2010 is 2016 bha i na stiùiriche aig flip – Disability Equity in the Arts [Co-ionannachd do Chiorramaich sna h-Ealainean còmhla ri Robert Gale. Tha i an-dràsta na h-Àrd-riochdaire aig Birds of Paradise Theatre Company. Tha Màiri den bharail gum fàs misneachd bho bhith a’ togail dhàimhean – leis an luchd-èisteachd, le com-pàirtichean is le co-obraichean – airson cùisean atharrachadh a chum maith, agus tha ùidh aice anns na dòighean sa bheil roinnean ealain nan ciorramach agus na Gàidhlig coltach ri chèile. Tha BFA MA Hons Oxon aig Màiri bhon Ruskin (1999) agus MFA bho Duncan of Jordanstone (2003). Tha i ag ionnsachadh na Gàidhlig (gu slaodach!).

 

catherine tinney

Tha eòlas obrach farsaing aig Catherine sna h-ealain Gàidhlig, gu sònraichte ann am foillseachadh agus ceòl, is tha i an-dràsta cuideachd na h-oileanach air a chùrsa BA Textile Design aig Glasgow School of Art. A bharrachd air sin, bidh i ag obair mar oide airson Fèisean nan Gàidheal agus mar neach-ciùil profeiseanta - bha àite aice sa chuairt-dheireannach BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year 2019. Tha ùidh mhòr aice ann an dràma, agus dùil aice sin a leasachadh tron a bhith ag obair còmhla ri Theatre Gu Leòr. Chaidh Catherine a thogail, le Gàidhlig, ann am Port Rìgh.