THA IARRTASAN AIR SON STRABANG 2025-26 A-NIS fosgailte.

bruth an seo.



Mu dheidhinn Strabang!

’S e Tèatar Òigridh Nàiseanta na Gàidhlig a th’ ann an Strabang! – cothrom brosnachail do dh’òigridh bho air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail ann am buidheann dràma tro shreath de bhùithtean-obrach dràma Gàidhlig ann an taighean-cluiche air feadh Alba.

Eadar an t-Sultain agus am Màrt, thig na com-pàirtichean còmhla gus dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, tadhal air diofar sgìrean agus dealbh-chluich a chruthachadh is a chur air an àrd-ùrlar.

Dè as ùr am bliadhna?

Tha Strabang a’ fàs! 

Airson a’ chiad uair, bidh buidheann sònraichte air an ruith sna h-Eileanan an Iar, AN t-Eilean Sgiathanach agus air Tìr Mòr, le bùithtean-obrach a’ dol air adhart anns gach sgìre mus tig iad còmhla airson deireadh sheachdain san Ghearran agus taisbeanadh sa Mhàrt.

Cò as urrainn pàirt a ghabhail?

Tha tagraidhean fosgailte do sgoilearan S1–S4 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no aig a bheil fileantas sa Ghàidhlig.

Bidh 16 sgoilear gan taghadh – 8 às gach sgìre – airson pàirt a ghabhail san phrògram.

Dè tha an sàs?

Tha am prògram a’ ruith thar 6 mìosan, agus bheir e cothroman do luchd-pàirteachaidh:

  • Dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig

  • Misneachd is sgilean conaltraidh a thogail
    Pàirt a ghabhail ann an ceithir seiseanan-còmhnaidh – a’ siubhal, a’ fuireach air falbh, agus ag obair gu dlùth le buill eile

  • Seiseanan air loidhne agus maighstirean-obrach le eòlaichean dràma

  • Obair a dh’ionnsaigh taisbeanadh beò ann an taigh-cluiche proifeiseanta

Carson a bu chòir dhutsa pàirt a ghabhail ann an Strabang?

Tha seo na chothrom sònraichte do sgoilearan òga àrd-sgoile a bhith an sàs ann an dràma Gàidhlig – ge bith càite a bheil iad a’ fuireach – agus sgilean ann an iomadach obair theatre a’ leudachadh.

Bidh com-pàirtichean ag:

  • Coinneachadh ri daoine ùra is a’ togail chàirdeasan fad-beatha

  • Obair còmhla gu cruthachail tro Ghàidhlig

  • Leasachadh air ceangal eadar cànan is cothroman ann an saoghal na h-ealain

Mar phàirt den phrògram, thèid a’ bhuidheann gu lèir gu Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach airson deireadh-sheachdain, a’ fuireach aig Whitewave agus a’ dèanamh atharrachaidhean aig Talla Coimhearsnachd Chille Mhoire.

Tha gach bliadhna gun samhail, le susbaint a tha freagarrach do na com-pàirtichean fhèin agus na rudan anns a bheil iad dìoghrasach.

Cosgaisean agus Taic

Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich is bìdh uile a phàigheadh le Theatre Gu Leòr, le taic mhaoineachaidh Bòrd na Gàidhlig.

Caraidean ùra, a’ leasachadh mo Ghàidhlig, a’ siubhal mun cuairt Alba, tha e uile dìreach sgoinneal!
— Com-Pàirtiche 2024-2025
Caraidean, rehearsals, gossip anns a ghàidhlig , a bruidhinn gàidhlig ann an dòigh spòrsail.
— Com-Pàirtiche 2023-2024

STRABANG 2024-2025

AN T-ÒBAN

CILLE-MHOIRE, AN T-EILEAN SGIATHANACH

GLASCHU & TIASBEANADH


Iarrtasan 2025-26 a-nise fosgailte

Ma tha siubh feumach air barrachd fiosrachaidh no ma tha ceistean sam bith a bharrachd agaibh, cuir post-d dha tany@theatreguleor.com

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.


Goireasan do dhaoine a tha ag ullachadh bùitean-obrach

Tha sinn air goireasan a’ cruthachadh airson cuideachadh a thoirt dha daoine a tha an dùil bùitean-obrach dràma a lìbhrigeadh le daoine-òga anns a Ghàidhlig.