Nochdaidh cothroman a bhith ag obair còmhla ri Theatre Gu Leòr, neo a' gabhail pàirt anns an obair againn, air an duilleag seo. Tha Theatre Gu Leòr daonnan ag iarraidh cluintinn bho luchd-ealain aig a bheil Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh ann an teatar Gàidhlig, cuir fios thugainn mur deidhinn agus mun obair a th' agaibh an seo:  info@theatreguleor.com agus thig 's bruidhinn rinn, bidh fàilte mhòr oirbh.

Tha Theatre Gu Leòr na fhastaiche a bhios a’ cur air adhart co-ionannachd chothroman. Mar as trice thèid luchd-obrach fhastadh air sàillibh an eòlais is nan comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den chomann-shòisealta. Tha dà cothroman againn an-dràsta aig Theatre Gu Leòr : 

Co-òrdaniche

Tha Theatre gu Leòr a’ fasdadh luchd-obrach as ùr, agus an companaidh nise a’ fàs. Tha feum sònraichte againn air co-òrdaniche/neach rianachd, ach chòrdadh e rinn cluinntinn bho dhaoine aig am bheil eòlas proifeasanta ann an theatar san fharsaingeachd, neo dreuchdan ceangailte ri sin agus aig am biodh ùidh ann an obair pàirt-ùine anns an oifis againn an Glaschu. Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig. Cuiribh cunntas-beatha agus litir mur deidhinnsa ag radh carson a tha sibh ag iarraidh an dreuchd seo, gu : info@theatreguleor.com ro 5f 17. 12. 18, bidh agallamhan againn Dihaoine 21. 12. 18 ann an Glaschu.

Tha tuairisgeul obrach ri fhaighinn: AN-SEO.

Cuir post-d thugainn aig info@theatreguleor.com ma bhios sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh.



DEASGAN RIM FAIGHINN 

Tha Theatre Gu Leòr, companaidh thèatar a tha stèidhichte ann an Glaschu, a’ tabhann dà dheasg-falbhain do luchd-ealain le Gàidhlig san oifis air againn: Unit 3, 22 Mansfield Street, Partick, Glaschu, G11 5QP.

Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios thugainn aig info@theatreguleor.com