‘S e iomairt eadar Alba, Èireann agus a’ Chuimrigh a th’ann an Ceangal | Cwlwm, a’ toirt còmhla luchd-ealain an sàs ann an tèatair na Gàidhlig, na Gaeilge agus na Cuimris.

Eachdraidh Ceangal / Cwlwm / (Dolen)

Chaidh a’ chiad chruinneachadh (air an robh Ceangal / Dolen) a chumail ann an Glaschu air 8 & 9 Samhain 2019, do bhuidhnean agus do luchd-ealain bho Alba, Èirinn agus a’ Chuimrigh a tha ag obair ann an tèatar na Gàidhlig, na Gaeilge agus na Cuimris.

Le maoineachadh Colmcille, dh’obraich Theatre Gu Leòr còmhla ri OÉ Gaillimh gus an tachartas fad dà latha seo a chur air dòigh, ‘s e ag amas air sgilean agus eòlas a sgaoileadh am measg roinntean tèatair nan trì dùthchanan.

Chaidh CEANGAL / DOLEN II, fo stiùir Ealaín na Gaeltachta le OÉ Gaillimh, a chumail air loidhne air 10 - 13 Samhain 2020.

Sreath de chruinneachaidhean luchd-tèatar a th’ ag obair anns a’ Ghàidhlig, sa Ghaeilge agus sa Chuimris

Chaidh an treas cruinneachadh Ceangal / Cwlwm a chumail air loidhne air 26 is 27 Samhain 2021, fo stiùir Oilthigh Ceann a Deas na Cuimrigh. Bha an cruinneachadh a’ toirt còmhla luchd-ealain, companaidhean tèatair, acadaimigich, buidhnean maoineachaidh ‘s eile, bho na trì dùthchanan. Le òraidean, deasbadan agus còmhraidhean, thug a chruinneachadh neart dhan roinn againn tro bhith ag ionnsachadh bhon chèile.