Airson tabhartas a thoirt do Theatre Gu Leòr, briogaibh air a’ phutan Donate gu h-ìosal.

Ceud taing!

a’ toirt Taic do Theatre Gu Leòr

Tha Theatre Gu Leòr air cliù a chosnadh agus duaisean a ghlèidheadh airson sàr dhealbhan-cluiche ùr a chruthachadh ann an Gàidhlig.

Tha sinn a’ strì gus raon tèatar agus ealain na Gàidhlig a leasachadh tron phrògram Ionnsachadh Cruthachail againn. Tha seo a’ gabhail a-steach ar bùithtean-obrach leasachadh proifeiseanta, STARAN, ar seiseanan comhairle, Doras Fosgailte, cothroman greis gnìomhachais air na riochdachaidhean againn, obair ann an sgoiltean agus sa choimhearsnachd, agus cuideachd meantarachd agus trèanadh. Faodaidh sibh barrachd a leughadh mun phrògram Ionnsachadh Cruthachail againn an seo.

Bheir ur tabhartas cothrom dhuinn ar prògraman ionnsachaidh is cothroman cruthachail a lìbhrigeadh agus a leudachadh, agus bheir e taic chudromach do leasachadh raon ealain na Gàidhlig san àm ri teachd.

Airson tabhartas a thoirt do Theatre Gu Leòr, briogaibh air a’ phutan Donate no cuiribh fios thugainn:

Theatre Gu Leòr,
Unit 3, 22 Sràid Mansfield
Glaschu, G11 5QP

Fòn: 0044 7504 851582

Post-d: info@theatreguleor.com

Tha Theatre Gu Leòr na charthannas chlàraichte, àireamh SC047092.

Mìle taing airson taic a chumail ri Theatre Gu Leòr.