‘s e companaidh tÈatar ÙR, co-aimisreil a th’ ann an theatre gu leÒR, a’ leasachadh sgrìobhadh agus dràma sa Ghàidhlig aig àrd ìre

Tha sinn a’ strì gus dràma leis na luachan-riochdachaidh as àirde a chruthachadh, anns a’ Ghàidhlig.  Tro bhith a’ cleachdadh nan ioma-mheadhanan agus teicneòlasan didseatach tha sinn a’ toirt tèatar Gàidhlig gu luchd-èisteachd mòr agus farsaing air feadh Alba.  Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh sgilean gu tur aig crìdhe Theatre Gu Leòr agus tha sinn gu math làidir mu dheidhinn a bhith a’ coimiseanadh agus a’ foillseachadh dràma Gàidhlig ùr.

Ann an 2018, chaidh Theatre Gu Leòr ainmeachadh son Duais Ealain is Chultarach aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson Cèilidh. Bhuannaich sinn an duais ann an 2016 airson Shrapnel.


NAIDHEACHDAN 2019

Ann an com-pàirteachas leis an Tron Theatre, tha Theatre Gu Leòr a’ leasachadh pìos ùr leis an còmhlan-ciùil fìor thàlantach WHYTE, air a bheil Maim. Air a bhrosnachadh le òrain bhon chlàr air leth seo, s' e gairm-chatha a bhios anns a' phìos, a' toirt guth do dhorran an ath ghinealaich agus cho cudromach 's a tha an ceangal eadar tìr agus cànan dhaibh. Bidh am pìos ùr air cuairt air feadh Alba sa Mhàirt 2020.

Airson tuilleadh a leughadh mun phròiseact seo, faic an duilleag MAIM.

San eadar-ama, seo agaibh bhideo bhon chlàr ùr aca le Dan Shay agus Alan Mclirath, agus an dannsair Zoe Katsilerou.


AR SGIOBA:

MUIREANN KELLY – Stiùiriche Ealain (làn-ùine)

RHONA NICDHÙGHAILL – Co-òrdanaiche na Companaidh (4 làithean)

BETH FRIEDEN - Neach-ealain Dràma (neo-cheangailte)

Leugh an tuilleadh mun sgioba againn an seo

LUCHD-EALAIN EILE: 

Bidh Theatre Gu Leòr ag obair le iomadach luchd-ealain agus neach-proifeasanta air na pròiseactan againn. Leugh tuilleadh mu na daoine a tha ag obair còmhla rinn an seo.

AR BÒRD STIÙIRIDH:  

PATSI NICCHOINNICH – Cathraiche
ALISON LANG – Rùnaire
MICHAEL JOHN O'NEILL – Ionmhasair
SÌM INNES
MAIRI TAYLOR ROSEMARY WARD CATHERINE TINNEY
Leugh tuilleadh mun bhòrd stiùiridh againn an seo

Poileasaidhean:

Leugh ar Poileasaidh Àrainneachd an-seo

Leugh ar Poileasaidh Cànan, ar Poileasaidh Co-ionnanas & Iomadachd an-seo

Leugh ar Poileasaidh Dìon Chloinne an-seo

Leugh ar Poileasaidh Prìobhaideachd an-seo