IMG_20160731_163118.jpg
 

SEONA NICGILLEFHIONNDAIG

STIÙIRICHE CRUTHACHAIL

‘S e riochdaire cruthachail a th’ann an Seona NicGilleFhionndaig a rugadh agus thogadh ann an Glaschu. Tha i air obair thar na h-ealain agus na meadhanan, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bho chionn greis dh’obraich i do Theatre Gu Leòr mar Co-òrdanaiche, a’ cuir taic ris a’ chompanaidh agus a’ riochdachadh an dealbh-cluich Cèilidh. Tha i air tilleadh a-nis ann an dreuchd Stiùiriche Cruthachail agus Ceannard.

Thoisich Seona a dhreuchd ann an roinn Gàidhlig a’ BhBC, ag obair mar rannsaiche air prògraman T.Bh. chloinne agus ealain. Às dèidh dhith Beurla agus Drama a chnuasachd ann an Lunnainn, agus greis a chuir seachadh anns an Eadailt, thill i dhan ghnìomhachas ann an Alba. Tha i air obair dha measgachadh de chompanaidhean, nam measg Tèatar Nàiseanta na h-Alba agus Magnetic North, le fòcas air riochdachadh agus leasachaidh luchd-ealain, a bharrachd air obair air a cheann fhèin còmhla ri luchd-ealain neo-eisimileach.

Bho chionn ghoirid bha i na Riochdaire aig Eden Court ann an Inbhir Nis, le uallach airson Gàidhlig agus Ealain Dhualchasach. Bha i aig stiùir am fèis chiùil samhraidh soirbheachail Under Canvas, a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta Tachartas na Bliadhna aig na Duaisean Trad. Tha i air grunn obraichean ealain, ciùil agus tèatar a choimiseanadh agus chruthaich i a chiad Ro-innleachd Gàidhlig don bhuidhean. Tha Seona a’ tighinn gu Theatre Gu Leòr bho Tron Theatre, far an robh i na Riochdaire Ealain.

A dh’aindeoin a bhith an còmhnaidh trang le a h-obair, tha Seona dèidheil air fiolmaichean, fighe stocainnean agus leughadh. Bidh i ag obair gu saor-thoileach air sgioba meadhanan club ball-coise Glasgow City, agus tha i ag amas air an saoghal fhaicinn aon geama mu seach.

 

RHONA NICDHÙGHAILL

CO-ÒRDANAICHE

‘S ann às an Òban a tha Rhona. Thòisich i ag obair gu làn-ùine ann an ealain agus leasachadh coimhearsnachd an dèidh dhì ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2005. Còmhla ri Aileen Ritchie, stèidhich i pròiseact dràma òigridh le fògarraich òga air an robh Knightswood Youth Theatre, a tha a’ dol fhathast an-diugh fo ainm Ignite Arts, agus anns a bheil Rhona fhathast an sàs. Ann an 2013 thòisich i iris ùr air loidhne ann an Gàidhlig, Dàna, còmhla ri luchd-labhairt òga eile. Bho 2016 gu 2020 bha i na cho-òrdanaiche ealain aig Ionad Achadh na Creige san Òban. Tha i an-dràsta na iar-chathraiche air bòrd stiùiridh an Touring Network, buidheann a chumas taic ris na h-ealain beò sa Ghàidhealtachd. Tha i cuideachd na h-oileanach air MA Art & Social Practice le UHI, a’ rannsachadh nan ealan coimhearsnachd agus fèin-aithne Gàidhealach san latha an-diugh.

 

LANA PHEUTAN

STIÙIRICHE STRABANG!: TÈATAR ÒIGRIDH NÀISEANTA NA H-ALBA

’S è cleasaiche, sgrìobhadair agus preasantair a th’ ann an Lana Pheutan, ’s ann as an t-Eilean Sgìtheanach a tha i ’s i a-nis steidhichte ann an Glaschu. Fhuair i ceum bho Oilthigh Edinburgh Napier ann an ‘Acting for Stage and Screen’ ann an 2018.

Tha i air a bhith ann am FUNC (The Woven Thread), Bannan (Young Films), Siud Agad È! (BBC), OMC! (Comedy Unit), Scot Squad (Comedy Unit) agus Cora (Theatre Gu Leòr).

Chaidh a taghadh mar phàirt den Young Films’ Foundation 2021, tha i cuideachd a’ sgrìobhadh sgeidsichean air son OMC! (Comedy Unit) agus tha i an-drathasta fhèin a’ sgrìobhadh fiolm ghoirid chloinne le The European Broadcasting Union agus MG Alba. Tha i air dà leabhar chloinne a’ sgrìobhadh le Theatre Gu Leòr.

Tha i cuideachd na preasantair air CBBC Alba.