BANA-GHAISGICH

Le Màiri Nic IlleMhoire

Sgrìobh Màiri Bana-Ghaisgich agus bidh i fèin na cleasiche comhla ri neach-ciùil Mike Vass ann agus bidh an dithist ag obair comhla ris a' choimhearsnachd cuideachd nuair bhios iad ann an Leòdhas.


Fiosrachadh mu dheidhinn:

1918. Oidhche Challainn a bheireas buaidh air Eilean Leòdhais gu sìorraidh bràth.

Tha ceudan de luchd-sheirbheise a’ tilleadh dhachaigh à bonn Shasainn gu ceann an Tuath-Siar de dh’ Alba, Eilean Leòdhais.

Ann an Caol Loch-Aillse, tha am bàta, an ‘Sheila’, a’ feitheamh riutha ach cha ghabh i an sluagh a tha a’ nochdadh ann. Le sin chaidh fios a chuir air an HMY Iolaire is sheòl i dhachaigh le 284 fir air bòrd, a mhòr chuid on Royal Naval Reserve.

Am fianais tìr, san crìdhe làn gàirdeachais, tha HMY Iolaire a’ dol air na creagan aithnichte, Biastan Thuilm, is a’ bathadh 201 dhiubh air an stairsneach fhèin. O chionn an Titanic, seo an tubaist-mhara a bu mhiosa a thachair, a thaobh soitheach Bhreatannaich, ann an àm-sìthe.

Seo dràma ùr a tha a’ togail air bròn, breitheanas agus daingneachd troimh shùil na mnathan ach ’s ann ri thighinn a tha an cruadal. Bidh amhrain agus ceòl beò an luib am pìos seo.

heroines.jpg

ro-shealladh - Lunnainn

Taigh-cluiche Finborough, 118 Sràid Finborough, SW10 9ED

Diluain, 17mh dèn Dùbhlachd - 7.30f

THA TIOCEADEAN RIM FAIGHINN AIR LIODHNE AN-SEO


Steòrnabhagh

Anns an seann Studio Alba, 54a Sràid Seaforth, HS1 28Q

Diardaoin, 27mh dèn Dùbhlachd - 7.30f
Dihaoine, 28mh dè Dùbhlachd - 7.30f
Disathairne, 29mh dèn Dùbhlachd - Matinée 2f

THA TIOCEADEAN RIM FAIGHINN AIG AN DORAS AGUS AIR LIODHNE AN-SEO


Cleasichean

Màiri Nic IlleMhoire - Peigi, Colleen, Elaine, Maggie agus caractaran eile

Mike Vass - Iain


CREIDEASAN

Màiri Nic IlleMhoire - Sgrìobhadair Douglas Maxwell - Dramaturg
Muireann Kelly - Stiùiriche Mike Vass - Ceòl Donna NicLeòid - Dealbhadh Èideadh Benny Goodman - Dealbhadh Solais


SGIOBA RIOCHADACHAIDH

Morag Smith - Manaidsear Stèidse Teicnigeach Niall Walker - Dealbhadh Margaideachd


Le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail

Chaidh an sgriopt air leasachadh le taic bho Playwrights’ Studio Scotland