Le màiri sìne chaimbeul agus Catriona Lexy chaimbeul

Tha Theatre Gu Leòr a’ coimiseanadh dealbh-chluich ùr, air a’ sgrìobhadh le Màiri Sìne Chaimbeul agus Catriona Lexy Chaimbeul. Bi iad ag obair còmhla ri Lynda Radley, sgrìobhadair agus dramaturg Èirinneach, a tha air iomadach duais a choisinn airson a h-obair.

Fiadhaich, brais agus air a tiodhlaigeadh air a beul-fodha sna Hearadh, tha a' bhana-bhàrd Màiri Ruadh air èirigh às an uaigh le dìreach aon oidhche gus ciall shònraichte na cèilidh ath-bheòthachadh. Dealasach agus làn spionnaidh, tha i deimhinne nach bi a guth air a chasg a-rithist.

Tha an dealbh-chluich ùr seo làn ceòl beò, òrain agus sgeulachdan le fo-thiotalan. Bidh e freagarrach do dhuine sam bith, Gàidhlig ann no às, fhad 's gu bheil iad deiseil airson cèilidh gun choimeas!

Bidh bùthan-obrach air an cumail le sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd anns na sgìrean dhan tèid an taisbeanadh. Deasachaidh iad sgeulachd ionadail a bhios na pàirt dhen dealbh-chluich, a toirt blas sònraichte agus diofraichte dha anns gach àite.


DEALBHAN:

(le Mihaela Bodlovic)



BEACHDAN AN LUCHD-ÈISTEACHD:

“Bha oidhche ann an Cairinis uamhasach fhein math. Well worth going to see even if you have no Gaelic as is subtitled” - Christy Ann Skivington, Carinish Hall, Uibhist a Tuath

“Oidhche sgoinneil aig An Lanntair an-raoir!” - Christine M Morrison, An Lanntair

“Excellent performance in Plockton this evening. Thoroughly recommend going to see it when it is near you”   - Catherine Will 

“Well done to all of you” - Christine Primrose, Sabhal Mòr Ostaig

“Bha sibh math ga rireamh. Well done guys. If they are coming anywhere near you please go and support them”  - Seonag Anderson, Eden Court, Inbhir Nis

“I absolutely loved this today. Thank you for creating such beauty. All the best with the tour” - Frances Thorburn, Glaschu

“Chunnaic mi ann an Glaschu sibhse, 's chord e rium gu dearbh” - Linsey Fiona, Glaschu

"I loved how the themes of culture, language, self assertion and strong women were represented, and the Runrig Hearach  ‘anthem’ was enough to give me goosebumps!! Thanks again to all concerned for a memorable evening (followed by a moonlit drive over the Clisham) Have a good weekend, Tapadh leibh!” - Enid Astley, An Lanntair

“Fabulous production, thank you for bringing it to Aberdeen!” - Maria Robertson, Lemon Tree, Obar Dheathain

“See anyone who thinks there is no interest in Gaelic in the north east of Scotland? Well, there is. And I have just been caught out by it. I assumed I would have no bother rocking up to the Lemon Tree tonight to get a ticket for the Gaelic play Cèilidh. It's sold out!…I made it! Agus bha e fìor mhath. Well done to the cast and team. Great to have such a well attended event in the 'deen. Cùm Gàidhlig beò” - Malcolm  Combe, Lemon Tree, Obar Dheathain


Air chuairt:

GLASCHU
Victorian Bar, Tron Theatre
Diciadian 7 - Disathairne 10 Màirt

ÌLE
Talla Bruichladdich
Dimàirt 13 Màirt

LOCH ABAR
Talla Coimhearsnachd Caol
Diciaidain 14 Màirt

INBHIR NIS
One Touch Theatre, Eden Court
Diardaoin 15 Màirt

OBAR DHEATHAIN
The Lemon Tree
Dihaoine 16 Màirt

DÙN ÈIDEANN
Scottish Storytelling Centre
Disathairne 17 Màirt

ULAPUL
Taigh-cluiche MacPhail
Dimàirt 20 Màirt

A' PHLOC
Talla a' Phloc
Diciadain 21 Màirt

AN T-EILEAN SGITHEANACH
Talla Cille Mhoire
Diardaoin 22 Màirt

AN T-EILEAN SGITHEANACH
Talla Mòr, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite
Dihaoine 23 Màirt

AN T-ÒBAN
Argyllshire Gathering Halls
Disathairne 24 Màirt

BARRAIGH
Talla Coimhearsnach Bàgh a' Chaisteil
Dimàirt 27 Màirt

UIBHIST A DEAS
Talla Naomh Peadar
Diciadain 28 Màirt

UIBHIST A TUATH
Talla Chàirinis
Diardaoin 29 Màirt

STEÒRNABHAGH
An Lanntair
Dihaoine 30 - Disathairne 31 Màirt


Creideasan:

Màiri Sìne Chaimbeul – Co-sgrìobhaiche
Catriona Lexy Chaimbeul – Co-sgrìobhaiche
Lynda Radley – Neach-leasachaidh Dràma
Lewis Hetherington – Stiùiriche

CleasAichean: 

Muireann kelly - Màiri Ruadh

Mairi Morrison  - Lisa 

MJ Deans - Eilidh 

Calum MacDonald - Eddie

Sgioba Cruthachail:

Frances Collier  – Dealbhadh-Seata & Aodaich
Michael John McCarthy  – Dealbhadh-Fuaime/Ceòl
John Wilkie  – Dealbhadh-Solais & Manaidsear Riochdachaidh

Lewis den Hertog - Dealbhadh AV

Calum Paterson - Leas-Dealbhaidh-Solais

Malcolm Rogan - Teicneolaiche-Solais

Iain Hodgetts - Eadar-Theangaiche Cànan Balbhanachd Bhreatainn

EmmaClaire Brightly - Stiùiriche-Gluasaid

Cristina Butt - Cuidiche Aodaich

Michael Hill - Coidse-Ghutha

Sgioba Riochadachaidh: 

 Seona McClintock - Co-òrdanaiche-Companaidhe

Catriona Lexy Campbell - Manaidsear Foghlaim Chruthachail

 Niall Walker - Manaidsear Margaideachd & Fios Naidheachd

Mihaela Bodlovic - Dealbhan  aliceboreasphotography.com

Katharina Siebert - Manaidsear Stèidse

Craig McNeill - Manaidsear Stèidse Teicnigeach

Alice Nic Bhatair - Oileanach SMO Greis Gnìomhachais


Le Taic Bho:

Bòrd na Gàidhlig
Alba Chruthachail
Comhairle nan Leabhraichean
Teatar Nàiseanta na h-Alba
Riaghaltas na h-Alba