Tha Theatre Gu Leòr air leth toilichte an naidheachd a sgaoileadh gu bheil sinn a’ cumail taic ri còignear luchd-ealain Gàidhlig tron sgeama leasachaidh phroifeiseanta ùr againn, LAS.

An dèidh dhuinn an cothrom a shanasach san Lùnastal, tha sinn air tabhartas a thoirt do chòignear gus na pròiseactan aca a leasachadh le taic shònraichte bho eòlaichean an roinn thèatair.

Eadar Sultain 2021 agus Màrt 2022, bidh luchd-ealain LAS a’ rannsachadh agus a’ leasachadh beachdan airson pròiseactan thèatair ùra. Tha iad uile a’ tighinn a-steach do sgeama LAS le eòlas agus sgilean eadar-dhealaichte, leithid sgrìobhadh nobhailean is bàrdachd, rannsachadh eachdraidheil agus obair thèatair cùl an stèidse. Faic gu h-ìosal airson blasad de na bhios iad ris sna beagan mìosan a tha rin tighinn.

Luchd-Ealain LAS 2021

Calum L. MacLeòid

Bidh Calum ag obair air dealbh-chluich far a bheil còignear air an glacadh air sgàth stoirm geamhraidh ann an taigh-òsta iomallach ann an Canada, aig deireadh an 19mh linn. Bidh estèidhichte mun cuairt sgeulachd an fhògarraich Mhegantic, ach a' toirt sealladh gu math eadar-dhealaichte air cuspair an dàrna nobhail aige.

Tha Calum a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain agus tha e na fhear-naidheachd aig a’ BhBC. Tha trì leabhraichean aice ann an clò: dà nobhail agus cruinneachadh bàrdachd. Choisinn e Duais nan Sgrìobhadairean Ùra ann an 2014 agus ann an 2019 fhuair e New Playwrights Award bhon Playwrights’ Studio Scotland.

Déirdre Ní Mhathúna

Bidh Déirdre ag obair le bàrdachd nam boireannach agus lorgan nam ban-tuiridh mar bhunait agus ag amas air sgriobt le bhideo agus fuaim a chur còmhla tron phrògram LAS. Tha i airson ceanglaichean a chruthachadh a fhreagras air ar suidheachadh èiginneachd an-diugh, ’s sinne fo imcheist agus fo amharas an aghaidh atharrachaidhean mòra na cruinne.

Tha Déirdre air a bhith ag obair ann an roinn nan ealan bho na h-ochdadan, an dà chuid aig ìre choimhearsnachd agus a’ leasachadh na pròiseactan aice fhèin. ‘S ann à Èirinn a tha i bho thùs ach tha i a’ fuireach ann an Dùn Èideann far a bheil i an sàs gu mòr ann an coimhearsnachd na Gàidhlig.

Dòmhnall S. Moireach

Bidh Dòmhnall a’ leasachadh dealbh cluich ùr air sgeulachd iongantach eadar Alba agus Afraga a Deas, am measg àitichean eile. ‘Stoirm ann an Tea-Clipper’: mu bheatha agus bàs tràth Caiptean Dòmhnall MacFhionngain, a bhuin ri Tiriodh agus a bhuannaich The Great Tea Race, 1866.

Bhuineas Dòmhnall do sgìre Nis ann an Leòdhas agus tha e a-nis a’ fuireachd ann an Sealltainn. Bha e na thidsear Beurla fad 30 bliadhna agus an-diugh tha e na sgrìobhadair làn-ùine. Tha e ag obair air diofar seòrsaichean de litreachais; bho bàrdachd, gu leabharaichean agus dealbhan-cluiche. Bhuannaich an leabhar aige As the Women Lay Dreaming (Saraband) an Paul Torday Memorial Prize ann an 2020 agus bha e air an geàrr-liost’ airson grunnd de duaisean eile. Thainig an leabhar In an Veil of Mist (Saraband) a-mach sa Mhàirt 2021 agus bha e na Times Historical Book of the Month.

Katharina Siebert

Bidh proiseact Katharina a' coimhead air saoghal as dèidh Brexit agus air a’ bhuil air neach-imrich. Bidh i a-toirt còmhla guthan nan coimhearsnachdan imriche ann an Glaschu agus a’ sgrùdadh na tha e a' ciallachadh a bhith a’ dèanamh dachaigh ann an dùthaich eile.

Tha Katharina stèidhchte ann an Glaschu agus tha i ag obair mar mhanadsair stèidse airson companaidhean eadar-dhealaichte, leithid Theatre Gu Leòr, National Theatre of Scotland agus Halo Arts. Tha i Albannach, Gearmailteach agus Eadailteach. Dh' ionnsaich i a’ Ghàidhlig aig an oilthigh.

Màrtainn Mac an t-Saoir

Tro LAS bidh Màrtainn Mac an t-Saoir a' leasachadh beachd-smuain is sgriobt-dràma, stèidhte air a' charactar Bampot Joe - duine air an iomall a gheibh, le strì, guth is fèin-spèis a tha falaichte gu domain an smior a dhualchais is a chridhe.

‘S e sgrìobhadair a th’ ann am Màrtainn Mac an t-Saoir le iomadach leabhar ann an clò. Gu ruige seo, tha aon dealbh-cluiche goirid aige, ‘Beul na h-Uaghach’, air nochdadh air àrd-ùrlar profeiseanta. Tro phròiseact dràma rèidio ‘Rudeigin Ri Ràdh’ le Theatre Gu Leòr an uiridh, thog e sgilean-dràma son rèidio agus fhuair an sgriobt aige, ‘Rùintean Màiri Iain Mhòir’, coimisean agus chaidh a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal.