plana an t-seisein

Seo agad teamplaid de phlana a dh’fhaodadh tu atharrachadh le diofar gheamaichean agus còmhraidhean.

  1. Glanaibh ur làmhan!

  2. Fàilte dhan chlas agus riaghailtean 

  3. Blàthachadh Suas 

    Thòisich sinne leis a’ ghèam ‘Dèanaibh Buileagan’ (faic a’ bhideo seo > > > > > > airson mhìneachaidh), gus cothrom a thoirt dhan òigridh àite a dhèanamh dhaibh fhèin san t-seòmar, agus astar a chumail bhon chloinn eile.

    Faodaidh tu dà ghèam a bharrachd a dhèanamh mar phàirt den bhlàthachadh suas. Tagh dà bhon duilleag GEAMAICHEAN. Faodaidh tu feadhainn diofraichte a thaghadh airson gach seisean diofraichte.

  4. Còmhradh

    Cò ris a bha iad coltach nuair a bha iad na b’ òige? Agus an-dràsta? Agus mar a tha iad an dòchas gum bi iad san àm ri teachd? Bha mi… Tha mi… Bidh mi…

    Faodaidh tu na ceistean atharrachadh aig gach seisean diofraichte, gu rudan a tha iomchaidh dhan bhuidheann. m.e. Cò ris a bha e coltach dhaibh ri linn covid-19 agus a’ ghlasaidh mhòir? Dè thug toileachas dhaibh? Dè bha doirbh dhaibh?

  5. Gluasad

    Cruthaich gluasadan a tha a’ sealltainn nan trì freagairtean aca. m.e. Bha mi… Tha mi… Bidh mi…

    Tha sinn ag amas air gluasadan a chleachdas a’ bhodhaig air fad, agus a tha a’ cur faireachdainnean is beachdan an cèill, an àite gluasadan bho bheatha làitheil.

    Dèan na gluasadan còmhla, a’ toiseachadh aig diofar àitichean sa chearcall.

    Faic tuilleadh stiùiridh an seo, agus na bhideothan gu h-ìosal.

  6. Beachdan / Fios air ais / Feedback

    Sgrìobh sios na trì facail/freagairtean a bh’agad.

  7. Glanaibh ur làmhan!

Faodaidh tu am plana seo a luchdadh a-nuas agus atharrachadh mar a thogras tu.