ELSPETH TURNER

Cleasaiche

Tha Elspeth Nic an Tuairneir na cleasaiche is sgrìobhadair. ‘S ann à Fìobha a tha i, is dh’ionnsaich i Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus bho a h-athair. Ghabh i ceum bho The Urdang Academy, Lunnain, agus bho’n American Academy of Dramatic Arts, New York. On a sin, tha i air a bhith ag obair le companaidhean air feadh na dùthcha - Theatre Nàiseanta na h-Alba, Magnetic North, Theatre Gu Leòr, The Traverse, sruth-mara, agus Play, Pie and a Pint nam measg.

Tha a h-obair teatar ann an Ameireagaidh a' gabhail a-steach Dial M for Murder agus The Odd Couple (Engeman Theatre), The Pillowman (Theatre Row), agus Titus Andronicus agus Macbeth, (The Queens Players). Tha a h-obair scrìn a’ gabhail a-steach Bannan (Young Films/BBC Alba), agus am fiolm ùr le Lyre Productions, Riptide – sgeul-gaoil anns a bheil sgrùdadh air sgoltadh-inntinne. Tha Elspeth a’ fuireach ann an Dùn Eideann leis a’ chèile is an dithis chloinne.

 

dòl eoin mackinnon

cleasaiche

'S ann à Scalpaigh na Hearadh a tha Dòl Eoin MacKinnon o thùs. Tha e air a bhith ag obair anns na h-ealainn airson iomadach bliadhna, eadar ceòl, dealbhan cluich, agus prògramman tele. 'S toil leis a bhith a' lorg sgeulachdan matha; a bhith gan sgrìobhadh; agus, bho àm gu àm, gan cluich.

Chluich e ‘Alasdair’ thairis air sia sreath air Bannan (BBC ALBA). Cuideachd, tha e air a bhith ann a Blood of the Clans (BBC4) agus Meas air Chrannaibh a chaidh a stiùireadh le Norman Stone.

Dh’obraich Dòl Eoin le Theatre Gu Leòr roimhe air Doras Dùinte mar ‘Lyndsay Guthrie’ aig Theatre Òran Mòr agus air cuairt ‘s na h-Alba.

O chionn ghoirid, ghabh e pàirt ann a bùitean-obrach rannsachaidh agus leasachaidh airson pìos theatre ùr mu Flora MacDonald, a’ cleachdadh na sgilean ciùil aige.

 

sam james smith

cleasaiche

‘S e cleasaiche bho’n t-Eilean Sgitheanach a th’ann a Somhairle Mac a’ Ghobhainn. Tha e anns am bliadhna mu dheireadh aige aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba air am BA Acting program. Tha e cuideachd ag obair an-dràsta air pròiseact ACADEMIX anns an Eòrpa, far a’ bheil diofar conservatoires a’ tighinn còmhla gus dealbh-cluich a chuir air anns Paris. Tha ùidh aige ann an ceòl, ‘is e a’ cleachdadh an sgil seo cho tric sa ghabhas ‘s an obair aige.

Tha an obair aige a’ gabhail a-steach Faustus: That Damned Woman (2022, Royal Conservatoire of Scotland), The Dream (2022, Royal Conservatoire of Scotland), Swallowed (2022, Frizz Theatre, Gilded Balloon), agus Rapunzel: The Drive Through Pantomime (2020, Kapow Theatre Scotland).

 

mj deans

cleasaiche

Rinn MJ a cuid thrèanaidh aig New College Lanarkshire (air an robh Motherwell College). Tha na creideasan thèatair aice a’ toirt a-steach: Rocket Post! (Constellation Points, NTS), Cèilidh, Gaisgeach nan Gràineag (Theatre Gu Leòr), Aladdin (SLLC), Whisky Galore (NTS), Angus Weaver of Grass (Horse & Bamboo), InValid Voices (Army @ The Fringe/Summerhall).

Tha na creideasan fiolm/TBh a’ toirt a-steach: Speak Gaelic (BBC), Scot Squad (Comedy Unit), Carry Me Home (NTS), Stella: Braw Tales (Mull Theatre) agus FUNC (The Woven Thread), a bhuannaich an duais airson comadaidh as fhèarr aig RTSS.

Tha na creideasan eile aice a’ toirt a-steach a bhith na preasantair air a’ phrògram fianaise Trusadh: Geamadh-An Ath Ìre le Mac TV agus a’ toirt guth don charactar Moira anns a’ gheama A Highland Song le Inkle Studio.

 

daibhidh walker

cleasaiche

‘S ann à Uibhist a Deas a tha Daibhidh agus thrèan e aig SMO san Eilean Sgitheanach. Tha na creideasan TV aige a toirt a staigh An Clò Mor (Solus), OMC! (Comedy Unit), Bannan (Young Films), PC Alasdair Stuibhart (Co-wrote and starred in, BBC Scotland) Outlander (Sony) Gary Tank Commander (Comedy Unit) Da latha sa Damhair (Woven Thread, Celtic Media award for entertainment), Air ais air an Ran Dan (BBC Scotland), Buidheagan (Sorbier, RTS award for Childrens category), Kids of Courage (Looks films/Solus), Siubhlachan–Mara (Lillyisland films).

Tha an obair theatre aige a toirt a staigh Gaidhlig Ghlaschu (Glasgow Life/Celtic connections), Soil and Soul (Sruth-mara-MacBheatha), Aisling Oidhche Meadhan Samhraidh (Glasgow Life), Last Tango in Partick (NTS), Oran Mor - Scenes of survival (BBC/NTS) and has also worked on other various productions over the years on radio to voice over work on cartoons to computer games. Tha e cuideachd air obair a dhèanamh air rèidio, obair thar-ghuth, cartùn agus geamannan-bhideo.

 

calum l. macleòid

writer

‘S e sgrìobhadair a th’ ann an Calum L MacLeòid. Rugadh agus thogadh e ann an Inbhir Nis. Nochd a’ chiad nobhail aige A’ Togail an t-Srùbain aig geàrr-liosta Dùais Comann Crann na h-Alba airson a’ Chiad Nobhail as Fheàrr ann an 2018. Ann an 2019 dh’fhoillsich Clò a’ Bhradain a chruinneachadh bàrdachd Bhon Phlateau dhan a’ Chladach, a’ mhòr-chuid dhiubh sgrìobhte fhad’s a bha e a’ fuireachd ann an Montreal eadar 2016 agus 2019. Fhad’s a bha e an sin sgrìobh e an dàrna nobhail aige Fon Choill mu dhèidhinn sgeulachd an Fhògarraich Mhegantic. Choisinn an nobhail sin Nobhail na Bliadhna aig na Duaisean Litreachais 2021.

Choisinn e duais Playwrights’ Studio Scotland airson sgrìobhadairean ùra dràma ann an 2019 agus thòisich e bhith ag obair air Stornoway, Quebec. Mar phàirt den duais sin fhuair e taic bho Douglas Maxwell. Ann an 2021 fhuair e duais LÀS bho Theatre gu Leòr a chuidich e le bhith a’ leantainn air ag obair air an scriobt sin agus thòisich e bhith ag obair còmhla ri Lynda Radley. Bidh e a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain còmhla ris a bhean agus an triùir chloinne agus bidh ag obair aig a’ BhBC, na fhear-naidheachd.