LE TORMOD CAIMBEUL
ATH-SGRÌOBHADH LE CATRIONA LEXY CHAIMBEUL
STIÙIREADH LE MUIREANN KELLY

Tha an dealbh-chluich Shrapnel stèidhichte air an nobhail leis an sàr sgrìobhaiche, Tormod Caimbeul. Tha sinn a’ leantainn aithrisear neo-aithnichte ’s e air teicheadh bho chasaid murt. Air a’ stèidheachadh ann an dorchadas dubh Lìte, tha Caimbeul a’ cleachdadh seallaidhean bho bheatha fhèin a’ fuireach ann an Dùn Eideann sna seachdadan sa sgeulachd, ach fhathast dh’fhaodar gun robh e stèidhichte aig àm sam bith. Tha a’ sgeulachd a’ gluasad gu sgiobalta leis an aithrisear a’ siubhail air feadh na baile; a’ coinneachadh ri iomadach charactar annasach agus a’ seachnadh am poileas brùideil, Walter Shrapnel. Le feala-dhà is dith-bhearsain gu leòr agus le sgeulachd a tha cumhachdach is teannaichte, tha an nobhail seo cho freagarrach sa ghabhas airson a’ stèids.

Bhuannaich Theatre Gu Leòr an Duais Ealain is Chultarach aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba am-bliadhna airson an dealbh-chluich aca, Shrapnel.


 “Caimbeul’s Shrapnel (2006) is one of the most challenging and formidable of the recent books of fiction...Caimbeul has a gift for dialogue, especially humorous, ironic or cynical dialogue.  At times, he almost loses control of this, but there is always a sense that he is deliberately pushing at boundaries to see what the text can sustain…Shrapnel represents a major step in terms of genre development in Gaelic fiction.”

From An Introduction to Gaelic Fiction by Moray Watson


AIR CHUAIRT

GLASGOW: Tron Theatre, 10th-12th March 2016
EDINBURGH: Scottish Storytelling Centre, 15th-16th March 2016
INVERNESS: Eden Court , 17th March 2016
ABERDEEN: The Lemon Tree, 18th March 2016
LOSSIEMOUTH: Town Hall, 19th March 2016
STRATHPEFFER: Pavilion, 20th March 2016
ULLAPOOL: Macphail Centre, 22nd March 2016
PLOCKTON: Village Hall, 23rd March 2016
SKYE: Seall at Sabhal Mòr Ostaig, 24th March 2016
NORTH UIST: Talla Chàirinis: 26th March 2016
BARRA: Sgoil Bagh a’ Chaisteil, 28th March 2016
STORNOWAY: An Lanntair, 1st & 2nd April 2016


Dealbhan:



BEACHDAN AN LUCHD-ÈISTEACHD

“Ard mholadh air each fear is te an sas ann. Sonraichte!!! LOVED IT with a big dollop of cianalas/home sickness!”
Derek Murray (Radio nan Gàidheal & BBC Alba)

“Mile thaing . Bha sibh sgionnail le cheile.”
Dolina MacLennan, The Scottish Storytelling Centre, 15/03/16

“Chan eil teagamh nach b’ e dùbhlan a bh’ ann an leabhar seo ath-riochdachadh dhan àrd-ùrlar, ach choinnich a h-uile duine a bha an sàs ris an dùbhlan sin le dealas airson dealbh-chluich a mhaireas fada sa chuimhne a chruthachadh.”
Ruairidh Maciver, The Scottish Storytelling Centre, 15/03/16

“’S math a rinn sgioba @theatreguleor le #Shrapnel a-nochd @SabhalMorOstaig - math dha-rìribh @gaidhligtheatre @SEALLEventsSkye”
Arthur Cormack, Sabhal Mòr Ostaig, 24/03/16

“…dealbh-chluich anabarrach beòthail a chòrd ri sluagh mòr sa Phloc a-nochd”
Duncan Ferguson, Plockton Village Hall, 23/03/16

“Bha e math dha rìreabh fhaicinn a 'mho raoir...Cha chan mi nach tèid mi fhèin air ais. Fìor thogail inntinn a bhi an Dun Èidinn agus a leithid fhaicinn.”
Coinneach MacIomhair (Radio nan Gàidheal), The Scottish Storytelling Centre, 17/03/16 


Creideasan:

Bhon nobhail le Tormod Caimbeul
Catriona Lexy Campbell – Ath-Sgrìobhadh
Muireann Kelly – Siùiriche 

Cleasaichean:

Iain Beggs - Maclugran
Catriona Lexy Campbell - Mavis E Beattie / Elspeth Jane Elphinstone
Artair Donald - Buster Hind / John Riach
Calum Macdonald - Pc Des Maccafferty / William CBW Robertson
Iain Macrae - Detective Sergeant Walter Anthony ‘Shrapnel’ Watson
Mairi Morrison - Effie Joan Mackay / Maria Carlotta / Mrs Dorothy Armstrong
Catherine King - Eadar-Theangaiche Cànan Balbhanachd Bhreatainn
Tha Na Cleasaichean A’ Cluich Nan Caractaran Eile Air Fad 

 

Sgioba Chruthachail:

Carys Hobbs - Aodaich & Seata  caryshobbsdesign.co.uk
Iain Craig - Dealbhadh / Fo-Thiotalan & Dealbhadh Seata
Matt Padden - Fuaim
The League Of Highland Gentlemen - Ceòl
Karen Bryce - Dealbhadh-Solais
Mary Jane Campbell - Eadar-Theangachadh
Frances Poet - Dramaturg

 

Sgioba Riochadachaidh:

Hilly - Manaidsear Riochdachaidh
Clare Mcneill - Manaidsear Stèidse Teicnigeach
Katharina Siebert - Leas-Mhanaidsear Stèidse
Claire Dow - Co-Producer
Kirsty Paton - Co-Producer
Linda Macleod - Rianachd & Fios Naidheachd
Beth Frieden - Neach-Ealain Dràma ‘S Foghluim
Niall Walker - Dealbhadh Margaideachd /
Mihaela Bodlovic - Neach-Togail-Dhealbh Shrapnel  www.aliceboreasphotography.com
Leabhraichean Beaga - Foillsichear 


Le Taic Bho: