SeONA NICGILLEFHIONNDAIG A’ TÒISEACHADH MAR STIÙIRICHE CRUTHACHAIL ÙR AIG THEATRE GU LEÒR

Tha sinn air ar dòigh fàilte chridheil a thiort do Sheona NicGilleFhionndaig a tha air tòiseachadh aig a’ companaidh mar Stiùiriche Cruthachail bhon Òg-mhios 2023, an dèidh don Stiùiriche Ealain Muireann Kelly fhàgail sa Chèitean 2023 gus obair ùr a thòiseachadh aig An Taibhdhearc ann an Gaillimh.

‘S e riochdaire cruthachail a th’ ann an Seona a rugadh agus thogadh ann an Glaschu. Tha i air obair thar na h-ealain agus na meadhanan, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bho chionn greis dh’obraich i do Theatre Gu Leòr mar Co-òrdanaiche, a’ cuir taic ris a’ chompanaidh agus a’ riochdachadh an dealbh-cluich Cèilidh. Tha i air tilleadh a-nis ann an dreuchd Stiùiriche Cruthachail agus Ceannard.

Thoisich Seona a dhreuchd ann an roinn Gàidhlig a’ BhBC, ag obair mar rannsaiche air prògraman T.Bh. chloinne agus ealain. Às dèidh dhith Beurla agus Drama a chnuasachd ann an Lunnainn, agus greis a chuir seachadh anns an Eadailt, thill i dhan roinn ann an Alba. Tha i air obair dha measgachadh de chompanaidhean, nam measg Tèatar Nàiseanta na h-Alba agus Magnetic North, le fòcas air riochdachadh agus leasachaidh luchd-ealain, a bharrachd air obair air a cheann fhèin còmhla ri luchd-ealain neo-eisimileach.

Bho chionn ghoirid bha i na Riochdaire aig Eden Court ann an Inbhir Nis, le uallach airson Gàidhlig agus Ealain Dhualchasach. Bha i aig stiùir am fèis chiùil samhraidh soirbheachail Under Canvas, a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta Tachartas na Bliadhna aig na Duaisean Trad. Tha i air grunn obraichean ealain, ciùil agus tèatar a choimiseanadh agus chruthaich i a chiad Ro-innleachd Gàidhlig don bhuidhean. Tha Seona a’ tighinn gu Theatre Gu Leòr bho Tron Theatre, far an robh i na Riochdaire Ealain.

A dh’aindeoin a bhith an còmhnaidh trang le a h-obair, tha Seona dèidheil air fiolmaichean, fighe stocainnean agus leughadh. Bidh i ag obair gu saor-thoileach air sgioba meadhanan club ball-coise Glasgow City, agus tha i ag amas air an saoghal fhaicinn aon geama mu seach.

A’ bruidhinn air a dreuchd ùr, thuirt Seona: “Tha e a’ faireachdainn gu math sònraichte tilleadh gu Theatre Gu Leòr às dèidh beagan bhliadhnaichean air falbh. Thug a’ chompanaidh toiseach tòiseachaidh laidir dhomh anns a’ ghnìomhachas agus tha mi toilichte an cothrom fhaighinn rudeigin a thoirt air ais dhan chompanaidh agus an luchd-obrach agus an luchd-ealain a tha na luib.

Tha Muireann air an t-uabhas a dhèanamh airson an roinn tèatar Gàidhlig tro steidheachadh Theatre Gu Leòr mar chompanaidh soirbheachail, àrd-amasach agus seasmhach. Tha i air brògan gu math mòr fhagail air a chulaibh ach se tlachd air leth a bhios ann an companadh a’ stiùireadh tron ath chaibideal.

‘S e a chiad obair a bhios agam eòlas nas fheàrr a chuir air an luchd-ealain miorbhaileach a tha an sàs ann an obair Theatre Gu Leòr, agus an fheadhainn nach eil fhathast. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri coinneachadh ri agus obair còmhla ri luchd-ealain tèatar Gàidhlig air feadh na duthcha anns na miosan agus bliadhnaichean a tha romhainn.”