Air a thaisbeanadh le Theatre Gu Leòr, Fishamble agus Theatr Bara Caws
Air a sgrìobhadh le Màiri Nic ’Ille Mhoire, Eva O’ Connor agus Mared Llywelyn Williams
Air a stiùireadh le Muireann Kelly

‘Taigh’ ann an Gàidhlig, ‘Tŷ’ ann an Cuimris agus ‘Teach’ ann an Gaeilge. An aon chiall ann an trì cànain. Aig cridhe ar saoghal, ’s e àite a th’ ann airson teaghlach, cruinneachadh is ceòl. Àite airson cuimhneachadh is airson comharrachadh. Ach cuideachd, ’s e àite fo chunnart a th’ ann an cuid de sgìrean, le darna dachaighean, àrdachadh màl agus gainnead thaighean a’ toirt buaidh air ar coimhearsnachdan agus ar cànain.

Se co-riochdachadh ùr, ioma-chànanach a th’ ann an Taigh Tŷ Teach, air a sgrìobhadh le Màiri Nic ’Ille Mhoire ann an Alba, Eva O’ Connor ann an Èirinn agus Mared Llywelyn Williams sa Chuimrigh. Bidh e air a thaisbeanadh anns na trì dùthchanan ann an Gàidhlig, Gaeilge agus Cuimris, le fo-thìotalan ann am Beurla.

Trì thaighean, trì choimhearsnachdan agus trì sgeulachdan ri innse, gach aon a’ meòrachadh air na dùbhlain a th’ aig na trì dhùthchanan ann an cumantas, agus na daoine a tha aig teis-meadhan na cùise.

Bidh cothrom aig luchd-amhairc Albannach an dealbh-cluich beò fhaicinn aig Grinneabhat ann am Bradhagair, Eilean Leòdhais, bhon 30mh den Fhaoilleach chun 1d den Ghearran.


Cìnn-latha 2024

30/01 - 01/02 | Grinneabhat, Leòdhas >>> TIOCAIDEAN AN SEO

09-10/02 & 12-14/02 | Ionad na Dromoda, Ciarraighe, Èirinn >>> TIOCAIDEAN AN SEO

21-24/02 | Nant Gwrtheyrn, Llŷn, Cuimrigh >>> TIOCAIDEAN AN SEO


CLEASAICHEAN

Honi Cooke

Martha Dunlea

Richard Elfyn

Siôn Emyr

Mirain Fflur

Màiri Nic‘illeMhoire

Eoin Ó Dubhghaill

Sam James Smith

Elspeth Turner

SGIOBA CRUTHACHAIL

Stiùiriche - Muireann Kelly

Sgrìobhaichean - Màiri Nic’illeMhoire, Eva O’Connor & Mared Llywelyn Williams

Neach-leasachaidh Dràma - Pamela McQueen

Dealbhadh Seata & Aodaich - Becky Minto

Dealbhadh Solais & AV - Ceri James

Stiùiriche Ciùil - Hilary Brooks

Dealbhadh Fuaime - Berwyn Morris-Jones

Iar-dhealbadh Seata & Aodaich - Fraser Lappin

Iar-stiùiriche - Betsan Lloyd


TAIC

Tha an riochdachadh a’ faighinn taic bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, the Arts Council Ireland, Culture Ireland, Siamsa Tíre, Foras na Gaeilge, British Irish Chamber of Commerce, British Council Ireland, Scottish Government in Ireland, Welsh Government in Ireland, Arts Council of Wales, agus Gwynedd Council Shared Prosperity Fund. Chaidh a leasachadh an toiseach le taic bho Theatr Genedlaethol Cymru.

Le taing mhòr dhan sgioba aig Grinneabhat.