dràma òigridh air astar

Tha bùithtean-obrach dràma gu math èifeachdach ann a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine - do dh’òigridh, gu sònraichte - an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an dòighean spòrsail, cruthachail.

Cuideachd, tha e a’ toirt cothrom cudromach dhaibh ceistean a thògail mu dheidhinn rudan a tha a chuir dragh orra ri linn covid-19 agus a’ tilleadh don sgoil. Tro na h-eacarsaichean dràma, tha cothrom aig an òigridh na faireachdainn aca a chur an cèill agus na sgeulachdan aca fhèin innse ann an dòigh chruthachail, ann àite sàbhailte - rud a tha gu math cudromach do shlàinte-inntinn.

Tha sinne aig Theatre Gu Leòr air co-chruinneachadh de ghoireasan a chur còmhla a bheireas do dhaoine eiseimplearan agus stiùireadh gus na bùithtean-obrach dràma aca a fhèin a lìbhrigeadh, taobh a-staigh riaghailtean astrachaidh shòisealta ri linn covid-19.

Bu mhath leinn taing a thoirt do Fraser MacLeod, sàr-eòlaiche ann an foghalm theatair, airson a chuid stiùiridh agus taice. Cuideachd, bu mhath leinn taing a thoirt do Chatrìona Chaimbeul, an Iar-Cheannard, agus AS1-3 aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Brùth air na dealbhan gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh.

Airson fiosrachaidh, cha robh againn ri masgan a chleachdadh ann an sgoiltean nuair a chaidh na dealbhan seo a thogail san Lùnastal 2020.

Tha sinn gu math taingeil airson an taic a chaidh a chur ris a’ phròiseact seo le Maoin Taic Covid-19 bho Bòrd na Gàidhlig.